Àrdachadh ann am mèirle ola teasachaidh aig tuath

Ola ga cur ann an tanca Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha rabhadh ga thoirt do dhaoine a theasaicheas an dachannan le ola a bhith furachail agus aithrisean ann gu bheil àrdachadh air tighinn air na tha de mhèirle ola air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Dh'èirich cosgais ola teasachaidh gu mòr bho thòisich cogadh nan Stàitean Aonaichte agus Israel an aghaidh Iran, agus sin air bacadh a chur air ola bho bhith a' fàgail dùthchannan air a' Ghulf.

Thuirt na Poilis gum facas àrdachadh ann am mèirle ola teasachaidh aig dachannan ann an sgìrean dùthchail aig tuath.

Thuirt oifigearan gum faod geataichean tèarainteachd no ceidse a bhith timcheall air tanca ola, a' cuideachadh ann a bhith a' cur bacadh air mèirlich, a thuilleadh air inneal-rabhaidh, solais thèarainteachd no camarathan CCTV a chur an sàs.

Dh'innis Poileas Alba gu bheil iad air maoineachadh fhaighinn airson cuid de cheumannan tèarainteachd a chur an sàs aig dachannan daoine so-leònta, leithid innealan-rabhaidh, agus gu bheil iad ag obair còmhla ri companaidhean a bhios a' reic ola agus oifigearan taigheadais airson sin a chur an sàs.

Tuilleadh air an sgeulachd seo