Luchd-ealain gus seanchas Sgitheanach a thoirt beò às ùr

Dùn Sgàthaich ann an SlèiteTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig Cù Chulainn a Dhùn Sgàthaich, a rèir an sgeòil, a dh'ionnsachadh mu shabaid bhon bhana-ghaisgeach Sgàthach

LeTeàrlach QuinnellagusEileen NicDhòmhnaillBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

An cuala sibh mu mar a dh'fheuch sgioba fhear ri uile-bhèist a ghlacadh ann an lìon ann an Loch nan Dùbhraichean ann an Slèite?

No mar a fhuair Bùird MhicLeòid an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich an ainm?

Dè mun phìobaire a choisich a-steach gu Uamh an Òir?

Tha an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse - coltach ri sgìre sam bith - làn sgeulachdan, agus iad tric ceangailte ri àitichean sònraichte.

A' chlach air a' chladach aig Tòcabhaig ann an Slèite far an deach Cù Chulainn a cheangal le Sgàthach mar eisimpleir. An-diugh, don duine àbhaisteach - agus 's dòcha cuid a chaidh a thogail san sgìre - chan eil innte ach clach. Ach tha sgeulachd aice.

Loch nan Dùbhraichean ann an SlèiteTùs an deilbh, Alan Reid/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil bonn air Loch nan Dùbhraichean, a rèir beul-aithris - ach tha uile-bhèist ann...

Tha na sgeulachdan seo an cunnart a dhol à cuimhne, gun duine cha mhòr gan cluinntinn nan òige aig glùin an seanar mar a b' àbhaist mus do lìon na meadhanan ar n-oidhcheannan geamhraidh.

"Tha mi fhìn a' faicinn sin, a chaidh a thogail mìle air falbh bho Aonghas Beag MacIllFhialain, a bha ag aithris sgeulachdan na Fèinne - 's chaidh mise a thogail gun foir mu na sgeulachdan inntinneach a bha seo," thuirt Flòraidh Forrest.

Gu fortanach, tha gu leòr de na seann sgeulachdan, dualchas cultarail agus beul-aithris air a ghlèidheadh sna tasglannan ge-tà, agus tha pròiseact ùr san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse ag amas air an toirt beò às ùr, tro ealain.

"Tha sinn ag iarraidh seo a thoirt air ais dha na coimhearsnachdan agus dhan chloinn," thuirt Flòraidh, a tha an sàs, tro a cuid obrach aig Tobar an Dualchais, ann am pròiseact air a bheil Seanchas Beò., taobh a-muigh

Healabhal Beag agus Healabhal Mòr "Bùird MhicLeòid" ann an Gleann DailTùs an deilbh, thejackrustles/geograph
Fo-thiotal an deilbh,

An cuala sibh mun bhangaid ainmeil aig MacLeòid Dhùn Bheagain?

'S e compàirteachas a th' ann eadar ATLAS Arts, Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, Tobar an Dualchis agus Ionad Thròndairnis.

Tha iad a' sireadh dithis luchd-ealain - gun a bhith a' sònrachadh dè seòrsa ealain - airson an duslach didseatach a shèideadh far nan seann sgeulachdan.

"Tha sinn a' dol a dh'fhaighinn luchd-ealain airson obrachadh còmhla rinn airson bliadhna gu leth gus na sgeulachdan seo a thoirt beò a-rithist agus a sgaoileadh anns a' choimhearsnachd - ge b' i dè dòigh anns a bheil iad ag iarraidh sin a dhèanamh," thuirt Flòraidh.

"Tha sinn gu math fosgailte - dh'fhaodadh iad a bhith nan neach-ealain lèirsinneach, no bàrd, no seanchaidh, no measgachadh de dhiofar rudan."

Tha am pròiseact na phàirt den phrògram Culture Collective aig Alba Chruthachail.

Cothrom na Fèinne

Tha Tobar an Dualchais mar thà air Raonaid Sandilands, a bhuineas do Loch Aillse o thùs, a thaghadh mar an neach-ealain acasan, gus tha cuireadh ro thairgsean airson dà chothrom eile a ghabhail aig Ionad Thròndarnais agus an Ionad Tasglainn.

Airson cothrom na Fèinne, mar gum biodh, a thoirt don luchd-ealain, tha cead an casan aca roghnachadh dè an riochd anns am bi an obair a chruthaicheas iad.

"Chan eil mi airson a bhith prescriptive leis na tha sinn ag iarraidh orra. Tha sinn airson iadsan a bhith cruthachail leis na sgeulachdan inntinneach a th' againn anns an tasglann," thuirt Flòraidh.

"Tha iad a' coimhead airson iarrtasan an-dràsta le beachdan bho luchd-ealain anns an sgìre, no le ceangal làidir leis an sgìre seo."

Tha ceann-là an 14mh den Cheitean ro thairgsean.