
Tha àrdachadh air tighinn air na tha de bheathaichean a tha gan goid
Tha na chosg eucoir air an tuath air a dhol an-àirde 52% an coimeas ri figearan airson 2020.
A rèir aithisg eucoir bhliadhnail na companaidh àrachais, NFU Mutual, chosg mèirle ann an sgìrean dùthchail £2.6m ann an 2021.
Chaidh na figearan airson sin sìos gu mòr tron phandemic, ach tha a-nise tuathanaich ag innse gu bheil fada a bharrachd stuic, charbadan agus connaidh ga ghoid orra.
Tha rabhadh ga thoirt do choimhearsnachdan dùthchail a bhith fuireachail agus dùil ri àrdachadh ann an goid stuth luachmhor mar thoradh air staing nan cosgaisean bith-beò.
Ceangal le èiginn chosgaisean bith-beò
Thuirt Iain MacDhòmhnaill, Eòlaiche Aràchais le NFU Mutual na h-Alba, gu bheil na tha a' tachairt na adhbhar dragh dhaibh.
"Chunnaic sinn àrdachadh mòr ann an eucoir dhùthchail sa chiad chairteal de 2022, gu sònraichte goid connaidh agus ola.
"Leis gu bheil cosgaisean bìdhe air a dhol an-àirde tha sinn cuideachd a' faicinn gu bheil barrachd stuic ga ghoid."
Tha tuathanaich ag iarraidh air an Riaghaltas buidheann-ghnìomha a chur air bhonn airson dèiligeadh ri eucoir air an tuath.