Cead do STV atharrachaidhean connspaideach a thoirt air prògraman naidheachd

Oifisean STV ann an Obar Deathain
  • Air fhoillseachadh

Tha riaghaldair nam meadhanan Ofcom ag ràdh gum faod STV a dhol air adhart le planaichean connspaideach atharrachadh a thoirt air na prògraman naidheachd aca.

Thig an t-seirbheis naidheachd fa leth a tha a' tighinn à Obar Dheathain, a bha uair air a frithealadh le Grampian TV, gu ceann.

Chaidh na planaichean connspaideach fhoillseachadh san t-Sultain an-uiridh 's a' chompanaidh ag ràdh gun robh iad ag amas air £2.5m a shàbhaladh.

Chuir Riaghaltas na h-Alba, farsaingeachd de luchd-poileataigs agus Aonadh Nàiseanta an Luchd-naidheachd an aghaidh nam planaichean.

Chaidh luchd-naidheachd STV air stailc aig toiseach na bliadhna seo mun phlana airson naidheachdan aig tuath a ghearradh.

Tha STV an-dràsta a' toirt seachad dà sheirbheis naidheachd fa leth - tè do mheadhan na h-Alba agus tè-eile don cheann a tuath den dùthaich.

Bhiodh na h-atharrachaidhean a' ciallachadh gum biodh a' mhòr-chuid den aon phrògram naidheachd aig 6:00f ga fhaicinn air feadh meadhan agus cheann a tuath na h-Alba.

Ach tha a' chompanaidh ag ràdh gum bi trian den phrògram sin diofraichte thairis air an dà sgìre.

Thuirt STV gu bheil na h-atharrachaidhean seo riatanach airson dèanamh cinnteach gum bi an t-seirbheis naidheachd aca maireannach anns na bliadhnaichean ri thighinn agus chuir iad fàilte air a' cho-dhùnadh.

Tha Ofcom ag ràdh gun cùm iad sùil air mar a bhios STV a' cumail ris na cumhaichean a bhios an lùib a' chead ùir aca agus gun dèan iad cinnteach gun cùm a' chompanaidh riutha sin.