Ionad Còmhdhail do Phort Rìgh?

Port RìghTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid pàipear air beulaibh chomhairlichean air Comataidh an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair Diluain, taobh a-muigh, a' moladh Ionad Còmhdhail a stèidheachadh am Port Rìgh.

Bhiodh an goireas caran coltach ri siostam Park & Ride, leis an amas trafaig a thoirt a-mach à meadhan a' bhaile.

Tha oifigearan Chomhairle na Gàidhealtachd air measadh a dhèanamh air 15 làraichean air am faodadh a leithid de dh'ionad a dhol, le sùil aca gu h-àraidh air pìos-talmhainn ri taobh na h-àrd-sgoile.

'S e baile beag a tha ann am Port Rìgh le cuid de shràidean beag agus cumhang, agus tòrr trafaig - gu sònraichte leis na tha de luchd-turais a' tadhal air an àite.

Tha an t-ùghdarras ionadail am beachd atharrachadh a thoirt air meadhan a' bhaile agus tha iad airson cur às do na h-àiteachan pàrcaidh ann an Cearnag Shomhairle, ged a bhiodh àiteachan ann fhathast do dhaoine a tha ciorramach.

Seach-rathad

Bhiodh planaichean ann cuideachd airson carbadan a chasg bho Shràid Wentworth airson a dèanamh freagarrach do dhaoine air chois.

Mar phàirt den fhuasgladh airson seo, rachadh seach-rathad a stèidheachadh gu tuath air a' bhaile a' bhiodh a' ceangail Rathad Dhùn Bheagain agus Rathad Stafainn còmhla.

Ach 's ann air ionad còmhdhail a bhios aire chomhairlichean Diluain.

Bidh iad a' beachdachadh air àite a stèidheachadh far am b' urrainn do dhaoine na càraichean aca fhàgail agus a' coiseachd a-staigh dhan bhaile no bus fhaighinn.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air grunn làraichean timcheall air Port Rìgh feuch dè a' cheàrnaidh as fhreagarraiche airson a leithid.

Tha a' chomhairle gu mòr airson pìos talmhainn mu choinneamh Àrd-sgoil Phort Rìgh a chur gu feum.

'S ann leis a' chomhairle a tha an làrach sin agus tha e ìre mhath faisg air meadhan a' bhaile.

Ach cha ghabhadh sin a chleachdadh ach tro làithean-saora na sgoile, mar sin tha an t-ùghdarras a' lorg àite eile cuide ris sin a ghabhadh cleachdadh fad na bliadhna.

Am measg nan làraichean sin, thathar a' beachdadh air àite ann an ceann a tuath a' bhaile far a bheilear an dùil bùth Tesco a thogail, agus gu deas air a' bhaile aig a' chladh, ged a tha an làrach sin pìos nas fhaide air falbh bho mheadhan Phort Rìgh.