EGM Stòras Uibhist aig deireadh a' Ghiblein

Oifis Stòras
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dearbhadh gum bi coinneamh èiginneach Sealladh na Beinne Mòire - companaidh pàrant Stòras Uibhist - ann air an 30mh den mhìos.

Tha connspaid, sgaraidhean is eas-aonta air a bhith a' cuairteachadh uachdaran coimhearsnachd Uibhist a Deas anns na mìosan a chaidh seachad, a' fàgail cheistean mòra mu sheasmhachd na buidhne a' dol air adhart.

Thàinig dòchas sa Ghearran gun robh fuasgladh air fàire.

Às dèidh chòmhraidhean le Comhairle nan Eilean Siar, thàinig brath ann an ainm an dà chuid Sealladh na Beinne Mòire fhèin agus cuideachd Cumhachd Ath-nuadhachail Uibhist a Deas (SURE), tè de na companaidhean a tha fomhpa taobh a-staigh na buidhne.

Dh'innis am brath gun robh a h-uile stiùiriche air gach companaidh taobh a-staigh Sealladh na Beinne Mòire air aontachadh seasamh sìos air thoiseach air EGM far an rachadh bòrd eadar-amail a stèidheachadh.

Chaidh innse gum biodh comhairlichean ionadail agus co-dhiù aon stiùiriche le eòlas proifeiseanta air a' bhòrd eadar-amail seo, le dleastanas stiùir Stòras a ghabhail gus am biodh AGM ann.

Tha an gluasad a-nise a thèid air beulaibh an EGM ag ràdh gu bheil feum air "tòiseachadh às ùr" le crathadh bunaiteach a thoirt air Stòras Uibhist, an dà chuid a thaobh structar is cultar na buidhne.

Tha na stiùirichean eadar-amail a thathar a' moladh mar a leanas:

  • Pòl Steele

  • Susan NicThòmais

  • Iain MacLeòid

  • Rona NicAoidh

  • Ailean Dòmhnallach

  • Malcolm Burr

Tha an gluasad ag ràdh gum biodh iad ann gu h-eadar-amail gus am biodh a' bhuidheann air ais air stèidh chinnteach.

Bhiodh dleastanas orra am measg eile airson plana ullachadh gus crathadh is ùrachadh a thoirt air stuctaran Stòras, agus 'son cunntasan na buidhne a chur air beulaibh na ballrachd.

Bha dùil an toiseach gum biodh an EGM ann air an t-16mh den Ghiblean.

Thathar a' tuigsinn gur e barrachd dhuilgheadasan taobh a-staigh na buidhne as coireach gun deach a' choinneamh a ghluasad.

Bidh e ann a-nise Diardaoin an 30mh den Ghiblean ann a Talla a' Chinn a Deas ann an Dalabrog aig 7f.