
Tha luchd-glèidhteachais ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh riaghailtean a chur an sàs a thaobh fhalaisgearan.
Tha aithisg ùr bhon RSPB ag ràdh gu bheil falaisgearan a' ciallachadh gu bheil carbon ann an mòine ga sgaoileadh san iarmailt.
Dh'innis an RSPB gun toir an suidheachadh buaidh air oidhirp na h-Alba targaidean a thaobh atharrachadh na gnàth-shide a choileanadh mura tèid riaghailtean ùra a thoirt a-steach.
'S e siostam-ceadachaidh oifigeil a tha iad ag iarraidh.
"Ann an 2020 thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Màiri Gougeon, gum biodh siostam-ceadachaidh ann agus gum biodh falaisgearan air talamh mòintich air an casg", thuirt Donnchadh Orr Ewing bhon RSPB.
"Seo sinn a-nise ann an 2021 agus chan eil gealltanas againn air cuin a thachras sin.
"Tha sinn airson 's gum bi siostam-ceadachaidh ann agus còd ùr ron Dàmhair 2022 aig a' char as anmoiche", thuirt e.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cur romhpa siostam-ceadachaidh a stèidheachadh mar phàirt de phrògram an riaghaltais 'son na bliadhna ri thighinn.
Thuirt iad cuideachd gun tèid falaisgearan air talamh mòintich a chasg anns a' mhòr-chuid de shuidheachaidhean.