Achd na Fiadh-bheatha 's nam Falaisgearan a-niste na lagh

Sealg Tùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Bhòt Pàrlamaid na h-Alba airson Bile na Fiadh-bheatha 's nam Falaisgearan a chur troimhe.

Bheir e siostam ceadachd a-steach airson sealg na circe-fraoiche, agus bidh cead a dhìth a-niste airson falaisgearan a chur.

Tha am bile cuideachd a' cur casg iomlan an sàs air feadh na h-Alba air ribichean uèir, agus ribichean glaoidh a chur, le riaghailtean ùra airson ribichean de sheòrsaichean eile.

A thuilleadh air sin tha cumhachdan na chois do chuid de dhaoine, leithid luchd-sgrùdaidh SPCA na h-Alba rannsachadh a dhèanamh air cuid e dh'eucoir fiadh-bheatha.

Chaidh an reachdas troimhe le 85 bhòt air a shon, agus 30 na aghaidh, leis na Tòraidhean air bhòtadh na aghaidh.

Thuirt fear-iomairt na fiadh-bheatha, Chris Packham, gur e ceum cudromach a th' ann, a tha a' sealltainn gu bheil Alba air thoiseach le "atharrachadh brìghmhor" a thoirt air cùisean.

Tha buidhnean a tha a' riochdachadh dhaoine leis a bheil fearann ge-tà, ag ràdh gu bheil an lagh ùr a' dol ro fhada, agus gun dèan e cron air gnìomhachasan a tha cudromach don eaconomaidh dhùthchail.

Iolaire-bhuidheTùs an deilbh, GETTY IMAGES
Fo-thiotal an deilbh,

Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil eòin-chreachaidh leithid iolairean-buidhe air a bhith gam marbhadh le geamairean gu mì-laghail

Chaidh am bile ullachadh agus crìonadh air tighinn air na tha de dh'eòin-chreachaidh an Alba, le mòran chùisean far an deach an lorg air am marbhadh le gunnaichean, no le puinnsean.

Chaidh ath-sgrùdadh neo-eisimeileach òrdachadh an dèidh mar a fhuair aithisg le Dualchas Nàdair na h-Alba - NàdarAlba a-niste - ann an 2017 gun deach an treas cuid de dh'iolairean-buidhe air an robh tagaichean saideil, à fianais gu h-amharasach.

Tha luchd-iomairt den bheachd gu bheil eòin gam marbhadh gus stad a chur orra a bhith a' sealg na circe-fraoiche iad fhèin.

Bha dìon laghail ann mar thà fo laghan leithid Achd na Fiadh-bheatha 's na Tuaithe 1981, agus RSPB na h-Alba air innse gun deach cha mhòr 60 geamair a thoirt gu lagh bho 1990.

Tha dùil gun cuir sgeama ceadachd ùr airson fearainn air a bheil cearcan-fraoiche ruadh gan sealg cuideam a bharrachd air uachdarain gun a bhith a' marbhadh nan eun-creachaidh.

Tha an cunnart gun cailleadh iad an cead seilge a' ciallachadh gun bheil adhbhar ionmhais a-niste aig uachdarain agus luchd-seilge gun eòin a mharbhadh gu mì-laghail.

Ribe-uèirTùs an deilbh, League Against Cruel Sports
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ribichean-uèir a-niste air an casg an Alba

Ribichean

Tha e a-niste mì-laghail ribichean-glaoidh - a th' air an còmhdachadh ann an stuth steigeach 's a bha laghail roimhe airson smachd a chur air rodain is eile - a cheannach no a chleachdadh an Alba.

Bha luchd-iomairt ag ràdh gun robh leithid de ribe gu h-àraid brùideil, leis gun robh beathaichean gan glacadh 's gam fàgail gus am bàsaicheadh iad leis an acras no dìth fasgaidh.

Tha cuideachd cunnart ann gun tèid beathaichea leithid eòin, feòragan no losgain a ghlacadh annta.

Tha ribichean-glaoidh a tha gu sònraichte airson biastagan leithid leòmain no cuileagan a ghlacadh fhathast laghail ge-tà.

Tha ribichean-uèir, a th' air a bhith gan cleachdadh airson sionnaich agus rabaidean a ghlacadh, a-niste cuideachd air an casg fon lagh ùr.

Tha siostam ceadachd agus trèanaidh a-niste ann airson ribichean eile a chur an sàs ann an cuid de shuidheachaidhean.

Falaisgear ga churTùs an deilbh, GETTY IMAGES
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cead sònraichte a-niste a dhìth airson falaisgear a chur

FALAISGEARAN

Chan e oighreachdan seilge a-mhàin a bhios ri falaisgearan a chur.

Bidh coimhearsnachdan croitearachd ga dhèanamh a h-uile bliadhna airson cur às de sheann fhraoch 's leigeil le talamh ionaltraidh mòintich ùrachadh ach am faigh caoraich is crodh ionaltradh nas fheàrr.

Tha e air a bhith ga dhèanamh fad linntean, agus tha NàdarAlba ag ràdh gu bheil buannachdan na chois ma tha e ga dhèanamh gu ceart, a thaobh a bhith a' lùghdachadh a' chunnart a th' ann bho theintean fiadhaich.

Tha dragh ge-tà, gun dèan e milleadh air boglaichean mònach, a tha air an aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta mar àrainn tearc a tha a' glèidheadh càrboin.

Gu dearbha, tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil còrr air 2,000 bliadhna de chàrbon air a stòradh annta, agus nuair a thèid milleadh a dhèanamh air na boglaichean gun sgaoil sin gasaichean a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Bidh falaisgearan cuideachd a' toirt buaidh gu dìreach air fiadh-bheatha, leis a' cheò a' toirt air eòin-ghrunnachaidh an cùl a chur ri an neadaichean, agus ma thèid a dhèanamh gu ceàrr, tha cunnart ann gun caillear smachd air an teine.

Thuige seo tha e air a bhith ceadaichte, gun cead sònraichte a bhith a dhìth, eadar 1mh an Damhair agus 15mh an Giblean.

Bidh cead a-niste a dhìth airson a dhèanamh ge-tà, agus cha cheadaichear e air talamh mòinteach ach ann am fìor chorra shuidheachadh.

Dragh

Ross Ewing
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ross Ewing aig Fearann is Oighreachdan na h-Alba ag ràdh gu bheil an lagh ùr a' dol ro fhada

Tha Fearann is Oighreachdan na h-Alba, a bhios a' riochdachadh uachdaran, air a bhith ag argamaid gu làidir an aghaidh an reachdais ùir, 's iad ag ràdh gu bheil e a' dol fada seachad air na draghan a th' air a bhith ann mu eòin-chreachaidh.

Tha iad ag ràdh gu bheil laghan làidir mar thà an sàs an Alba airson dìon a chur air eòin-chreachaidh, agus gu bheil an àireamh chùisean de mharbhadh mì-laghail a-niste nas lugha na bha riamh.

Tha dragh orra gun tèid ceadan a dhiùltadh do dh'oighreachdan gu neo-chothromach, agus nach eil aithne cheart ga thoirt do na buannachdan a tha an lùib fhalaisgearan.

Thuirt an t-ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a rinneadh mun fhalaisgearan air thoiseach air an reachdas gum faod gach cuid "deagh bhuaidh agus droch bhuaidh" a bhith aige air stòradh chàrboin.

Thuirt Ross Ewing bhon bhuidhinn gun tig air oighreachdan a-niste sgrùdaidhean gu math mionaideach agus "onerous" a dhèanamh airson talamh mòintich aithneachadh.

Ged a tha an sgeama ceadachd an-dràsta a' toirt buaidh air a' chearc-fhraoich a-mhàin, tha dragh ann gun tèid a leudachadh gu h-eòin leithid na neasaige.

Tha Comann Gheamairean na h-Alba ag ràdh gu bheil smachd a chumail air sionnaich riatanach, agus dh'iarr iad gun tèid seòrsa nas ùr-nodha de ribe-uèir ris an canar "uidheam glacaidh daonndail" a cheadachadh - ach chaidh sin a dhiùltadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo