Dòchas às ùr gun tèid Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a leudachadh

Tha Malcolm Mitchell ag ràdh gu bheil e air a dhòigh a bhith air ainmeachadh mar Neach-brosnachaidh na Gàidhlig aig Comhairle Ghlaschu
- Air fhoillseachadh
Tha buidhnean pàrant air fàilte a chur air beachd bho Neach-brosnachaidh ùr na Gàidhlig aig Comhairle Ghlaschu gu bheil an t-ùghdarras ionadail fhathast an dòchas leudachadh a dhèanamh air àrd-sgoil Ghàidhlig a' bhaile.
Thuirt Malcolm Mitchell, a fhuair an inbhe an t-seachdain sa chaidh, gu bheil a' chomhairle fhathast airson làrach ùr a lorg do Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a leigeadh leis an àrd-sgoil a bhith air a leasachadh.
Chaidh Mgr Mitchell, a tha na chomhairliche do Gharscadden is Scotstounhill, e fhèin tro FtMG ann an Glaschu na òige.
Dh'innis e do BhBC Naidheachdan gu bheil e air a dhòigh urram fhaighinn mar Neach-brosnachaidh - no 'Champion' - na Gàidhlig aig an ùghdarras ionadail.
Tha e ag ràdh gu bheil "àm sònraichte" ann dhan chànan sa bhaile.
"Nuair a thòisich mi fhìn cha robh fiù 's bun-sgoil Ghàidhlig againn ann an Glaschu," thuirt e.
"Anns na mìosan air adhart tha an ceathramh bun-sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu a' fosgladh - Bun-sgoil a' Challtainn - agus anns na seachdainean air adhart tha am Mòd a' tighinn air ais gu Glaschu".
Dachaigh ùr san amharc do Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
- Air fhoillseachadh22 An Lùnastal 2024
"Càirdeas air a dhol fuar" eadar Comhairle is Pàrantan Ghlaschu
- Air fhoillseachadh19 An t-Sultain 2025
Cùmhnant Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn air a thoirt seachad
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt 2025
Ged a tha FtMG air fàs ann an Glaschu thairis air iomadh bliadhna, tha na h-uimhir de chonnspaid air a bhith ann anns na mìosan mu dheireadh a thaobh togalach Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Tha bun-sgoil agus àrd-sgoil an-dràsta stèidhichte san aon togalach.
Bha Comhairle Ghlaschu roimhe air cur romhpa fhèin làrach ùr a lorg dhan bhun-sgoil gus seòmraichean is goireasan a shaoradh dhan àrd-sgoil.
Bhathas a' faicinn seo deatamach agus cho làn 's bha an àrd-sgoil anns na bliadhnaichean mu dheireadh a' ciallachadh gun robh cuingealachadh air a chur air na bh' ann de sgoilearan ann an Clas 1 ann am bun-sgoiltean Gàidhlig uile a' bhaile.
Bha mì-thoileachas mòr ann am measg phàrantan as t-samhradh am-bliadhna nuair a dh'innis an t-ùghdarras ionadail nach eil iad a-nise an dùil sin a dhèanamh.
Thuirt iad nach eil feum air agus gu bheil iad a' meas gun tuit àireamh nan sgoilearan san àm ri teachd.
Draghan is togalach Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu "truagh"
- Air fhoillseachadh26 An Lùnastal
Briseadh-dùil do phàrantan nach tèid Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a leudachadh
- Air fhoillseachadh25 An t-Ògmhios
Thàinig car eile air a' mhìos seo chaidh is measadh a chaidh a dhèanamh air an togalach air faighinn gu bheil a' mhòr-chuid de na goireasan san sgoil "truagh" agus cuid dhiubh "dona".
Chaidh pàrantan air an casan is iad ag iarraidh air Comhairle Ghlaschu beachdachadh às ùr mun cho-dhùnadh.
Ach a-nise tha an Comh Mitchell - a tha cuideachd air a dhol bho chionn ghoirid na fhear-gairm air Comataidh Foghlaim Comhairle Ghlaschu - ag ràdh gu bheil iad a' sireadh fuasgladh is gu bheil a h-uile roghainn fhathast air a' bhòrd.
"Tha mise an dùil gum bi e fhathast a' fàs ach mar a tha a h-uile seirbheis eile feumaidh sinn an t-airgead airson gluasad gu togalach ùr 'son na bun-sgoile," thuirt e.
"Tha sinn fhathast ag obair air sin an-dràsta ach tha sinn fhathast airson a' bhun-sgoil a ghluasad agus an uairsin an àrd-sgoil a bhith a' fàs nas motha."

An togalach air Sràid Berkley ann an Glaschu
Tha faclan Mhgr Mitchell air dòchas ùr a thoirt do bhuidhnean pàrant sa bhaile.
Thuirt Coman nam Parant an Glaschu gu bheil iad a' cur "fàilte làidir" air na thuirt e.
Tha iad fhèin, thuirt iad, deiseil is deònach an t-ùghdarras ionadail a chuideachadh a thaobh maoineachadh fhaighinn "airson togail air còrr is 40 bliadhna de shoirbheachas a thaobh FtMG ann an Glaschu."
Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad airson a dhol an sàs ann an còmhraidhean a thaobh clàr-ama gus am plana a thoirt gu buil.
Thàinig fàilte cuideachd bho Chomhairle nam Pàrant aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
"Tha sinn air leth toilichte leis a' ghealladh bho Neach-tagraidh na Gàidhlig aig a' chomhairle gun tèid an sgoil againn a ghluasad gu làrach ùr," thuirt iad ann am brath.
"Tha sinn ag aontachadh gu bheil cruaidh fheum air seo. Tha sinn a' coimhead air adhart ri coinneachadh ris a' Chomhairliche Mitchell gus beachdachadh air clàr-ama airson an gealladh sin a choileanadh.
Oifigear
Ged a tha Neach-brosnachaidh Gàidhlig a-nise aig Comhairle Ghlaschu, tha còrr is dà bhliadhna ann bho dh'fhàg Oifigear Leasachaidh Gàidhlig an ùghdarrais an dreuchd.
Ann am brath, thuirt Comhairle Ghlaschu gu bheil na dleasdanasan a bh' air an oifigear an-dràsta air manaidsear corporra fhad 's a tha ath-sgrùdadh ga dhèanamh air seirbheisean.