An Loch Bhrusda dearbhte airson Caolas na Hearadh air a' gheamhradh-sa

Soitheach dubh is geal ceangailt ri cidhe. Tha Bhrusda Glasgow sgrìobhte air a cliathaich.
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt CalMac gur i an Loch Bhrusda as motha a bhios air slighe Caolas na Hearadh tron gheamhradh

  • Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air clàr-ama a' gheamhraidh aca fhoillseachadh airson slighe Caolas na Hearadh, a tha air a bhith às aonais soitheach a ghabhas carbadan airson faisg air mìos.

Chan eil ach seirbheis do luchd-coise a-mhàin air a bhith air eadar an t-Òb agus Beàrnaraigh agus trioblaidean teicnigeach leis a' bhàta as àbhaist a bhith air an t-slighe.

Tha an Glen Sannox air a bhith a' dol eadar an Tairbeart agus Loch nam Madadh san eadar-ama.

Tha an Loch Portain fhathast ga càradh ann an Grianaig, ach thuirt CalMac gur e an Loch Bhrusda a bhios a' seòladh tro chlàr-ama a' gheamhraidh.

Thug an troimh-chèile air an t-seirbheis droch bhuaidh air gnothachasan air gach taobh den chaolas.

Thuirt Fiona NicBhreatnaich, Manaidear Sgìreil ChalMac: "'S e slighe Caolas na Hearadh seirbheis riatanach eadar-eileanach, agus tha sinn a' dèanamh ar dìchill a' bhuaidh an cois an MV Loch Portain a bhith a-mach à seirbheis a lùghdachadh."

Soidhnichean aig cidhe ag innse nach eil ann ach seirbheis aiseig do luchd-siubhail air chois
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil ach seirbheis do luchd-siubhail air chois a-mhàin an-dràsta

Tha trioblaidean teicnigeach air a bhith aig an Loch Portain on chaidh na ceithir einnseanan aice ùrachadh.

Tha iad sin ag adhbharachadh crith sna bogsaichean-gèar aice agus tha luchd-einnseanairidh bho ghrunn dhiofar chompanaidhean ag obair oirre feuch fuasgladh a lorg.

Dhearbh CalMac nach bi i air ais mus tig clàr-ama an t-samhraidh gu ceann air an 18mh den Dàmhair, agus thuirt iad gur e an Loch Bhrusda as motha a bhios air an t-slighe chun a' Mhàirt 2027.

Tha dùil gun tòisich i air an 28mh den t-Sultain agus i an-dràsta a' seòladh a-mach à Malaig chun nan Eilean Tarsainn.

Tha CalMac cuideachd ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri soitheach eile a lorg airson Caolas na Hearadh, agus eu-doimhe na slighe a' fàgail nach eil ach an Loch Portain agus an Loch Bhrusda a tha ceadaichte airson seòladh oirre.

Tuilleadh air an sgeulachd seo