Eil Còd Slighean-dùthchail na h-Alba ag obair?

Luchd-coiseachd air Slighe na Gàidhealtachd an Iar
- Air fhoillseachadh
Tha seallaidhean brèagha na h-Alba a' tarraing dhaoine nan dròbhan a h-uile bliadhna - ach a bheil an còd a tha a' toirt dhaibh còraichean gus brath a ghabhail air a' bhlàr a-muigh fhathast aig ìre?
'S e sin a' cheist a tha air Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood is iad an-dràsta a' sireadh bheachdan air Còd Slighean-dùthchail na h-Alba., taobh a-muigh
Thàinig an còd gu bith le Achd an Fhearainn ann an 2003 's e a' toirt cead san fharsaingeachd dhan phoball siubhal an àite sam bith a thogras iad cho fada 's gu bheil iad cùramach.
Tha an còd a' toirt stiùiridh do dhaoine mu mar a bu chòir dhaibh a bhith gan giùlan fhèin a' bhlàr a-muigh gus spèis a thoirt dhan àrainneachd, do na beathaichean agus do na daoine a tha mun cuairt orra.
Tha Comataidh nan Cùisean Dùthchail ag ràdh gu bheil iad airson tuigse fhaighinn air cho math 's a tha an siostam ag obair agus a bheil atharraichean a dhìth san àm ri teachd.

Tha Màrtainn Robastan am measg na tha a' faireachdainn gu bheil mì-thuigse ann mun chòd mar a tha e
Tha Màrtainn Robastan ag obair mar neach-iùil air a' bhlàr a-muigh agus a' fuireach ann an Arnasdal air croit a theaghlaich.
Tha e den bheachd gu bheil muinntir na h-Alba air leth fortanach gu bheil a leithid de rud againn anns an dùthaich seo, ach tha e air trioblaidean fhaicinn mar thoradh air mì-thuigse air a' chòd.
"Aon triop co-dhiù far an robh an suidheachadh ann, bha manaidsear oighreachd a' tuigsinn gun robh e ceadaichte dha daoine a bhith a' marcachd a-mach air a' bhlàr a-muigh anns cha mhòr a h-uile àite far am faod daoine a bhith a' coiseachd no a' ruith.
"Agus dh'aidich e sin, nach robh e eòlach. Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach, ma tha an obair sin aig daoine, gum feum iad a bhith eòlach air na riaghailtean."

Tha Gavin Corbett bho Ramalairean na h-Alba ag ràdh gu bheil tòrr choimhearsnachdan air buannachdan eaconomach fhaighinn
Tha Gavin Corbett bhon bhuidhinn Ramalairean na h-Alba cuideachd den bheachd gu bheil e cudromach gum bi tuigse aig daoine air a' chòd.
Tha esan den bheachd gum bu chòir barrachd sanasachd a bhith air a dhèanamh, airson an dà chuid daoine a tha a' dèanamh an slighe tron fhearann agus dhan fheadhainn aig a bheil am fearann.
"Chan e a' cheist a bheil e a' mìneachadh nam prìomh rudan a tha a' fàgail gu bheil ceadan air a' bhlàr a-muigh ag obair gu math.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' dèanamh sin, 's e an rud a tha a dhith a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil fios aig daoine mu dheidhinn, gu bheil tuigse aca air dè a dh'fheumas iad a dhèanamh, agus cuideachd dè thachras ma thèid gnothaichean ceàrr", thuirt e.

Tha Stephen Young Oighreachdan is Fearann na h-Alba airson 's gum bi barrachd tuigse aig daoine mu tha a' dol air an fhearann
Tha a' bhuidheann Oighreachdan is Fearann na h-Alba, a tha a' riochdachadh uachdaran, thuathanach is oighreachdan, airson 's gum bi barrachd tuigse aig daoine mu tha a' dol air an fhearann gus nach cuir e dragh air na gnìomhachasan a tha stèidhichte ann an sin.
Thuirt Stephen Young bhon bhuidhinn: "Tha grunn rudan timcheall air tuigse mu de tha dol air oighreachdan ann an sgìrean dùthchail, gu sònraichte mu smachd a chumail air na fèidh.
"Sin cuspair a tha air a bhith gu math sradagach bho chionn ghoirid agus feumaidh tuigse a bhith aig daoine gu bheil cuideam ga chur air oighreachdan àireamh nam fiadh a lùghdachadh.
"Dh'fhaodadh sin a bhith gu math doirbh do dhaoine a tha a' coiseachd san sgìre, a thaobh sàbhailteachd an toiseach, ach cuideachd fios a bhith aig daoine càit a bheil iad agus ma thèid an gluasad, tha sin ag adhbharachadh thrioblaidean cuideachd".

Tha Oighreachd Chesthill air na soidhnichean seo a chur suas am bliadhna
Nochd eas-aonta ann an Siorrachd Pheairt as t-samhradh nuair a chuir còrr is 13,000 duine an ainm ri athchuinge an aghaidh mar a tha oighreachd anns an sgìre a' làimhseachadh slighean gu ceithir beanntan Rothach.
Tha Oighreachd Chesthill a Tuath ag iarraidh gun seachain daoine na beanntan ann an Gleann Lìomhann san t-Sultain agus san Dàmhair, fhàd 's a tha stalcaireachd fèidh a' dol.
Tha Ramalairean na h-Alba ag ràdh gu bheil sin a' cur bacadh mì-reusanta air luchd-coiseachd.
Tha an oighreachd a' cumail a-mach gu bheil an t-iarrtas aca laghail agus deatamach gus an obair a dhèanamh san dòigh as èifeachdaiche agus as sàbhailte.
Teicneòlas ùr
Tha beachd aig cuid cuideachd gu bheil ùrachadh a dhìth air a' chòd airson cumail suas ris na h-atharrachaidhean a tha air thighinn am follais, mar theicneòlas is eile, bho chaidh an còd a dhealbhachadh bho chionn còrr is 20 bliadhna.
Thuirt Stephen Young: "22 bliadhna a-nis tha sinn air a bhith a' dol agus tha cuid de rudan nach robh mun cuairt aig an àm, baidhseagailean-d, drònaichean, teantaichean-mullaich air càraichean, cha robh iad air an gabhail a-steach, cha do smaoinich sinn orra sin.
"Mar sin, feumar stiùireadh a chaidh a sgrìobhadh bho chionn 20 bliadhna a chur an sàs ann an suidheachaidhean an là an-diugh, tha sin a' fàgail chùisean doirbh.
"Tha e a' ciallachadh gum feum NàdarAlba. a tha a' coimhead às dèidh a' chòd, stiùireadh laghail fhaighinn air càit a bheil na rudan sin a' suidhe.
"Mar sin, dìreach cuid den stiùireadh sin a leasachadh, ag innse do dhaoine ciamar a tha na rudan sin air an gabhail a-steach dhan chòd."
Buannachd eaconomach
Ge-tà, tha tòrr bhuannachdan air tighinn mar thoradh air a' chòd cuideachd.
Tha Gavin Corbett ag ràdh gu bheil coimhearsnachdan dùthchail air buannachd eaconomach fhaicinn.
"Tha tòrr choimhearsnachdan ann an sgìrean dùthchail, mar eisimipleir, air Slighe na Gàidhealtachd an Iar far a bheil sin na chnàimh-droma dhan eaconomaidh mar thoradh air an àireimh mhòir de luchd-tadhail a tha a' cleachdadh nan slighean-coiseachd fada.
"Agus 's e rud mòr a tha dhan eaconomaidh againn, tha buannachdan luach còrr is £1b an cois chur-seachadan air a' bhlàr a-muigh, agus bu chòir dhuinn a bhith moiteal às an sin agus a bhith a' togail air."
Bidh cothrom aig daoine na beachdan aca a' cur a-steach air làrach-lìn Comataidh nan Cùisean Dùthchail, taobh a-muigh.
Dùnaidh an ceisteachan sin air 23mh den t-Samhain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An Gearran

- Air fhoillseachadh29 An t-Ògmhios