Boireannach a bhàsaich an tubaist an Inbhir Nis air a h-ainmeachadh

Mary Jane GoodwinTùs an deilbh, POILEAS ALBA
  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis air boireannach a bhàsaich ann an tubaist ann am meadhan Inbhir Nis ainmeachadh.

Chaochail Mary Jane Goodwin, a bha 92, às dèidh do làraidh bualadh innte air Sràid na h-Acadamaidh Diardaoin seo chaidh.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun an tachartais beagan ro 10:00m Diardaoin.

Bha an rathad dùinte timcheall air seachd uairean de thìde fhad' 's a bha na poilis a' rannsachadh na cùise.

Tha iad a-nis air innse gun do bhàsaich Mary Jane Goodwin, a bha 92 bliadhna de dh'aois, aig an làraich.

Tha iad air iarrtas às ùr a dhèanamh airson fiosrachadh, is iad ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil dealbhan daschcam a thighinn air adhart.

Thuirt an Sgt Calum MacAmhlaigh bho Phoileas Alba: "Tha ar smuaintean leis an teaghlach agus leis na caraidean aig a' Bh. Ph. Goodwin, 's iad air fois is prìobhaideachd iarraidh aig an àm dhuilich seo.

"Tha an rannsachadh againn a' leantainn air na thachair, agus tha sinn a' cumail oirnn ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a thighinn air adhart."