Aonta mu shlighe-choiseachd do luchd-siubhail aiseig a mhill Stoirm Ashley

Bàta-aiseig dubh is geall le Caledonian MacBrayne sgrìobhe air a cliathaich, agus i ceangailte ri cidhe fada
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid an t-slighe-choiseachd chòmhdaichte do luchd-siubhail aig cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach a thoirt air falbh dà bhliadhna on rinn stoirm milleadh oirre.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail, leis a bheil an cidhe, gun tàinig iad gu aonta leis a' chompanaidh-togail RJ MacLeoid fon tèid an structar a leagail agus fom faigh iad na cosgaisean-togail air ais.

Bha an t-slighe-choiseachd, 300 meatair de dh'fhaid, mar phàirt den obair leasachaidh mhòr aig a' chala agus cha robh i air fhosgladh dhan phoball nuair a bhuail Stoirm Ashley san Dàmhair 2024.

Bhris a' ghaoth a thàinig na cois cuid de na panailean perspex san t-slighe-choiseachd.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil planaichean ann structar eile a thogail aig an ìre seo.

Thuirt aon de chomhairlichean Eilean a' Cheò, Chrissie NicIlliosa: "Chì sinn na thachras, ach aig an àm seo 's dòcha nach eil e cho feumail 's a bha sinn a' smaoineachadh.

"'S e deagh bheachd a th' ann ach aig an àm seo 's dòcha gu bheil e dìreach nas fhasa lift a thoirt dhan a h-uile duine sios a' chidhe."

Tha dùil gun tòisich an obair an t-seachdain seo agus gun toir i trì seachdainean.

Thuirt neach-labhairt Comhairle na Gàidhealtachd: "Cha bhi buaidh air trafaig a' bhàta-aiseig fhad 's a tha an obair a' dol air adhart, bidh stiùireadh trafaig ann airson dèanamh cinnteach gum faod trafaig an aiseig agus obair eile aig a' chala a chumail a' dol mar as àbhaist."