Rabhadh nach eil seirbheis leabharlainn nan Eilean Siar seasmhach

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich comhairlichean sna h-Eileanan an Iar gun lorgar maoineachadh airson oifigear fhastadh a nì ath-sgrùdadh air seirbheis nan leabharlann agus cunnart ann "gur dòcha nach bi i ann tuilleadh an ceann còig bliadhna".
Sin an rabhadh a bh' aig manaidsear nan leabharlannan, Renee Mason, agus i a' toirt fianais do choinneamh Comataidh an Fhoghlaim, na Spòrs agus Sheirbheisean Chloinne.
Chuala buill gun tug gearraidhean buidseit sna bliadhnaichean a dh'fhalbh buaidh mhòr air seirbheisean, agus gum b' fheudar na leabharlannan air an Tairbeart agus am Bàgh a' Chaisteil a dhùnadh aig amannan air sgàth dìth luchd-obrach.
Thuirt Ms Mason gun robh aca ri Leabharlann Steòrnabhaigh a dhùnadh tràth uaireannan cuideachd.
Cha robh aca ach triùir phroifeasantach ag obair air feadh nan Eilean Siar, agus cha deach dreuchdan a dh'fheumadh eòlas mun Ghàidhlig neo eachdraidh ionadail a lìonadh, thuirt i.
Dàil air dà bhana leabharlainn air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh9 An t-Sultain 2025
Dàil air co-dhùnadh nan leabharlann
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2018
Thuirt aithisg gun do rinn an t-seirbheis sàbhalaidhean luach £180,000 bho 2023/2024, a' chuid as motha dhiubh sin bho bhuidseat an luchd-obrach, agus a bhith a' cur às do bhuidseat an luchd-obrach fhaochaidh.
"Tha sinn air a bhith a' dèanamh nan sàbhalaidhean, " thuirt Ms Mason. "Ge-tà, cha do rinn comhairlichean co-dhùnaidhean mòra."
Dh'aontaich buill na comataidh airgead a lorg airson Oifigear Leasachaidh nan Leabharlann fhastadh.
Bhiodh dleasdanas air an neach seo ro-innleachd a dhèanamh airson an t-seirbheis a thoirt seachad leis a' bhuidseat a th' ann agus a bhith a' cur a-steach airson maoineachaidh ùir.
A rèir na h-aithisg, chosgadh an dreuchd ùr £51,664.