Càite am bu chòir £20m a chosg an Leòdhas?

- Air fhoillseachadh
Tha beachdan dhaoine ann an Leòdhas gan sireadh air na rudan air am bu chòir airgead an cois sgeama Pròis san Àite a chosg.
'S e program fad 10 bliadhna, air a mhaoineachadh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, a th' ann am Pròis san Àite, a bheir taic do choimhearsnachdan thairis air ùine fhada.
Sgaoil bòrd ionadail, air an deach Calum Iain MacÌomhair ainmeachadh mar chathraiche anns a' Mhàrt, ceisteachan, taobh a-muigh anns am faod daoine am beachdan a chur air adhart.
Thathas airson cluinntinn bho dhaoine, bho ghnothachasan agus bho bhuidhnean coimhearsnachd.
Dh'fhoillsich an riaghaltas san t-Samhain an-uiridh gum biodh suas ri £5bn a' dol gu 339 coimhearsnachdan am Breatainn airson phròiseactan ath-leasachaidh.
Cathraiche bòrd Pride in Place air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh13 Am Màrt
Coimhearsnachdan an Leòdhas is Cataibh gus buannachd fhaighinn à taic £40m
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2025
Thuirt an riaghaltas aig an àm gur e sgeama a th' ann a tha a' toirt guth dhan t-sluagh air càite is ciamar a bu chòir airgead a chosg gus coimhearsnachdan ath-bheothachadh is gum bi moit aca às ùr anns na sgìrean aca.
Gheibh na sgìrean ann an Leòdhas far a bheil an sgeama an sàs £20m uile gu lèir, agus 's ann air prìomhachasan mhuinntir an àite a thèid a chosg.
Cleachdaidh am bòrd ionadail na beachdan a thrusar airson plana maoineachaidh ionadail a chruthachadh, a thèid a chur gu Riaghaltas Bhreatainn san t-Samhain.
Bidh an sgeama a' ruith anns na h-uàrdan comhairle a leanas: Steòrnabhagh a Tuath 's a Deas, An Taobh Siar agus Nis, Sgìr' Ùige is Càrlabhagh, agus Sgìre nan Loch.