Casg ràitheil air teintean am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh?

Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh RuaidhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Cha tigeadh am fo-lagh gu bith gu 2025

  • Air fhoillseachadh

Tha beachdan a' phobaill gan sireadh air am bu chòir casg ràitheil a chur air lasadh theintean taobh a-staigh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Tha seo a' tighinn is dragh anns an sgire mu theintean a bhith a' sgapadh air a' bhlàr a-muigh.

Ma thèid gabhail ris a' mholadh, bidh casg air daoine - aig nach eil cead - bho bhith a' lasadh teine a-muigh eadar toiseach a' Ghiblein agus deireadh na Sultaine gach bliadhna - mura h-eil an teine air a dhùnadh a-steach ann an gàrradh ri taobh dhachannan neo aig làraichean campachaidh ceadaichte.

Bhiodh teintean ann am bothagan fhathast ceadaichte.

Leanaidh a' cho-chomhairle - a thòisich Diluain - dusan seachdain.

Ma thèid gabhail ris thèid briathrachas a chur gu ministearan riaghailtais airson a cheadachadh.

Tha dùil gur ann aig toiseach an Ògmhios 2025 a thigeadh an casg a-steach - aig a' char as tràithe - mus biodh am fo-lagh air a cheadachadh agus fios a sgaoileadh mu dheidhinn.