Luchd-gnothachais Uibhist ag iarraidh bàta-aiseig èiginneach sa bhad

An MV Lord of the Isles Tùs an deilbh, CHRISTOPHER BRINDLE
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Uibhist a Deas air a bhith às aonais a' bhàta-aiseig aca airson cha mhòr cola-deug

  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann de luchd-gnothachais an Uibhist ag iarraidh bàta-aiseig eile le cabhaig agus iad ag ràdh "gu bheil trioblaidean mòra teicnigeach le cabhlach ChalMac a' fàgail nach eil ach aon aiseag a' frithealadh cheithir eileanan agus còig slighean mòra".

Tha Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) ag ràdh gu bheil sin a' cur uallaich a bharrachd air aiseag Uibhist a Tuath, an aon cheangal a th' air fhàgail eadar Uibhist agus tìr-mòr.

Dh'innis CalMac Dimàirt gun robh sia bàtaichean mòra agus ceithir de na bàtaichean beaga aca a-mach à seirbheis air feadh an lìonra, ged a tha an MV Glen Sannox a-nise ag obair às ùr.

Tha an suidheachadh sna h-eileanan mu dheas nas miosa buileach leis gu bheil am MV Loch Bhrusda air Slighe na Hearadh briste, agus nach d' fhuair CalMac ach bàta a bheir luchd-coise a-mhàin airson na slighe.

Tha dìth bhàtaichean a' toirt fìor dhroch bhuaidh air na seirbheisean eadar An Tairbeart, Ùige agus Loch nam Madadh cuideachd.

Tha SUBIG ag ràdh gu bheil an t-aiseag à Loch nam Madadh nas lugha na an tè àbhaisteach ach gum feum i dèiligeadh ri trafaig bho cheithir eileanan cho math ri na carbadan as àbhaist a bhith a' dol thar Chaolas na Hearadh.

Mar sin, tha SUBIG ag iarraidh air CalMac an MV Alfred a chur a dh'Uibhist a Tuath airson seirbheisean dìreach a thoirt seachad eadar Loch nam Madadh agus An Tairbeart co-dhiù gus am bi soitheach Chaolas na Hearadh air a càradh.

Thuirt John Daniel Peteranna, ball SUBIG: "Tha e riatanach gun cuir CalMac soitheach èiginneach a dh'Uibhist cho luath 's a ghabhas."

Tha Uibhist a Deas air a bhith às aonais seirbheis fa leth airson faisg air cola-deug agus an MV Lord of the Isles briste a-rithist.

Tha SUBIG cuideachd a' toirt iomradh air suidheachadh Bharraigh far nach robh ach an dàrna leth sheòlaidhean agus 's àbhaist air a bhith aca.

Tha muinntir Uibhist a Deas uair eile a' dèanamh tagraidh airson bàta-aiseig ùir dhan eilean cho luath 's a ghabhas agus an tè a th' ann 37 bliadhna de dh'aois.

Chaidh dearbhadh air a' mhìos sa chaidh gun tèid an cùmhnant airson aiseag ùr a thogail do dh'Uibhist a Deas a-mach gu pròiseas tairgse àbhaisteach.

Thog Aonadh an GMB dragh a thogail anns na làithean mu dheireadh nach eil dùil ri measadh air luach sòisealta sa phròiseas a bhios ann.

Bha an t-aonadh ag iomairt roimhe gum faigheadh Gàrradh MhicFhearghais an cùmhnant gu dìreach, rud nach do chòrd ri SUBIG bho thùs.

"'S e luach sòisealta nan aiseagan nuair a bhios iad a' toirt piseach air beathannan dhaoine agus eaconomaidhean nan eilean tha iad a' frithealadh," thuirt Mgr Peteranna sa bhrath ùr.

"Tha luchd-còmhnaidh agus gnothachasan Uibhist a Deas air fulang ro fhada agus tha iad airidh air aiseag a leigeas leis an eilean soirbheachadh."