Trì chàintean salchair chon gan toirt seachad air Ghàidhealtachd bho 2021

Tè le baga salchair choin na làimhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Sheall àireamhan ùra nach deach càin a chur air duine ach trì tursan co-cheangailte ri bhith a' diùltadh salachar chon a thogail air a' Ghàidhealtachd sna còig bliadhna a dh'fhalbh.

Sheall iarrtas fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh nach do choisinn Comhairle na Gàidhealtachd ach £240 bho chàintean-suidhichte (fixed penalties) bho 2021.

Chaidh a' chùis as ùire a chlàradh anns a' Ghearasdan na bu thràithe am-bhliadhna, leis na càintean eile gan toirt seachad ann an Inbhir Pheofharain an-uiridh agus anns a' Mhanachainn ann an 2021.

Thairis air an ùine sin cha deach ach aon duine a pheanasachadh airson a bhith a' fàgail sgudail às an dèidh, le càin £80 ga thoirt seachad ann an Ceasaig a Tuath an-uiridh.

Tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil e furasta a bhith a' cruinneachadh fianais agus a' cur ainm ris an fheadhainn a tha an sàs anns na cleachdaidhean mì-shòisealta seo agus gu bheil iad ag amas air daoine oideachadh gus an dol a-mach seo a sheachnadh.