Dùghlas Ros air fàgail air ministear riaghaltais gun tug e ionnsaigh air

- Air fhoillseachadh
Dh'fhàg am BPA Tòraidheach Dùghlas Ros air ministear ann an Riaghaltas na h-Alba gun tug e ionnsaigh air ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Tha Mgr Ros ag ràdh gun tug Jamie Hepburn ionnsaigh air 's gun tug e droch bheul dha feasgar Diciadain.
Thuirt e gun tèid e dha na Poilis mun chùis.
Tha Mgr Ros a' cumail a-mach gun deach ionnsaigh a thoirt air fhad 's a bha e a' fàgail seòmar na pàrlamaid às dèidh dhan dithis a dhol a-mach air a chèile ann an deasbad mu àrd-choinneimh mu fhaoileagan.
Thuirt Mgr Hepburn, Ministear airson Gnothaichean na Pàrlamaid, gun do chuir e làmh air gualann Mhgr Rois is gun do chleachd e faclan "nach robh còir agam a chleachdadh".
"Tha mi duilich gun do ghiùlain mi mi fhìn mar sin is tha mi ag aithneachadh gun do leig mi mi fhìn sìos, ach sin urras a bh' ann.
"Tha cuid de na thathar a' cur air adhart, chan eil e a' dol leis na thachair ann an da-rìribh," thuirt e.

Cha robh e 'son ceistean a fhreagairt an do bhrist e còd nam ministearan.
Thuirt Dùghlas Ros gun do thachair an gnothach air beulaibh luchd-obrach tèarainteachd is luchd-obrach eile na pàrlamaid.
Tha e ag ràdh gum bu chòir do Mhgr Hepburn a dhreuchd a chall.
"Chan fhaic mi ciamar as urrainn dha leantainn anns an riaghaltas, gu h-àraidh ann an dreuchd nuair a tha e ag obair le buill," thuirt e.
Thuirt neach aig àrd-ìre san riaghaltas nach tèid Mgr Hepburn a chur às a dhreuchd, ged a dhiùlt iad a ràdh gun robh Dùghlas Ros ag innse nam breug.
Thuirt an t-Oifgear Riaghlaidh Alison Johnstone gur e "casaid làidir" a th' ann is gu bheil e cudromach gun tèid dèiligeadh ris "tro na pròiseasan oifigeil".