Naidheachdan 11:00m
Sir Keir Starmer
Tha am Prìomhaire air innse dhan Chaibineat aige an-diugh nach bi e a' fàgail a dhreuchd mar cheannard orra, ged a tha còrr air 70 de bhuill-phàrlamaid Làbarach a-nis air iarraidh air sin a dhèanamh. Tha aon mhinistear am measg na tha air iarraidh air Sir Keir Starmer falbh - Miatta Fahnbulleh, a tha a-nis air a dreuchd mar mhinistear taigheadais a chur bhuaipe. B' e coinneamh an là an-diugh a' chiad uair a bha an Caibineat air thighinn còmhla bho bha droch là aig na Làbaraich ann an taghaidhean ionadail Shasainn, taghadh Senedd na Cuimrigh agus taghadh Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin a chaidh.
Pàrlamaid ùr aig Holyrood
Tha buill-phàrlamaid a bhios a' tilleadh a Holyrood airson seisean eile air a bhith a' faighinn fàilte aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Is ann Diardaoin a bhios na buill gu lèir a' gabhail am bòidean, agus a' taghadh oifigear riaghlaidh ùr dhan phàrlamaid.
Cogadh Iorain
Tha oidhirpean a' leantainn aig dùthchannan san Ear-Mheadhanach gus toirt air Iran agus na Stàitean Aonaichte thighinn gu aonta sìthe. Tha ministear cèin na Tuirce an-diugh a' tadhal air Qatar ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn dhan t-suidheachadh. Thuirt an Ceann-Suidhe Trump an-dè gun robh am fosadh sa chogadh eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran fìor lag mun àm-sa.
Riaghladair carthannais
Tha riaghladair carthannais na h-Alba ri rannsachadh air Pàrlamaid Òigridh na h-Alba às dèidh mar a chaidh binn prìosain air an t-seann chathraiche aca, Jordan Linden. Tha esan air ath-thagradh a thòiseachadh an aghaidh mar a chaidh a dhìteadh airson eucoirean feiseil an aghaidh fhireannach òga. Bha e mar chathraiche air Pàrlamaid Òigridh na h-Alba agus an uairsin na cheannard air buidheann an SNP aig Siorrachd Lannraig a Tuath.
Sgìrean-smachdachaidh
Chaidh co-chomhairle fhoillseachadh mu phlanaichean gus sgìre-smachdachaidh airson taighean a bhiodh air màl ghoirid a stèidheachadh air a' chuid as motha den Ghàidhealtachd. Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil còrr air a' chòigeamh cuid de thaighean ann an cuid de sgìrean a tha gan cleachdadh san t-seadh-sa agus iad air màl air an leithid AirBnB agus seirbheisean eile.
Margaidh nan càraichean
Tha an àireamh chàraichean dealain a bha gan reic às ùr às dèidh a bhith le neach eile air a dhol suas gu mòr. Bha an àireamh suas 32% anns na trì mìosan aig toiseach na bliadhna, an coimeas ris an aon àm dhen bhliadhna an-uiridh. Bha 87,000 càr dealain air an reic air a' mhargaidh second-hand a-mach à còrr air dà mhillean càr dhen leithid de gach seòrsa a chaidh a reic.