Mowi a' gealltainn taighean ùra san Eilean Sgitheanach mar phàirt de phlana 'son tuath-èisg

Boireannach le geansaidh dearg oirre is i na seasamh ri taobh mapa. Tha a ghruag glas is purpaidh is tha usgar-bràghad airigid timcheall air a h-amhaich.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cathraiche Urras Chille Mhoire Anna Mhàrtainn ag ràdh gu bheil e cudromach gum bruidhinn a' choimhearsnachd ri Mowi mu na planaichean aca

  • Air fhoillseachadh

Gheall a' chompanaidh àrach èisg Mowi gun obraich iad còmhla ris a' choimhearsnachd gus taighean ùra a thogail mar phàirt de phlana a th' aca 'son tuathanas-èisg far chosta a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Dh'innis Mowi aig toiseach 2025 gun robh iad air Fladaigh Chuain - eilean tuath air Cille Mhoire - a cheannach.

A rèir na companaidh, bidh 14 cosnadh aig an tuathanas.

Tha riochdairean Mowi a-nise air coinneachadh ri muinntir na sgìre airson na planaichean aca a mhìneachadh, le gealltanas air taighean ùra nan cois.

Tha Anna Mhàrtainn na cathraiche air Urras Chille Mhoire.

"'S e rud mòr a th' ann dhan sgìre ma thig na h-obraichean dhan àite," thuirt i.

"Ach tha fhios aca glè mhath nach eil àitichean-fuirich againn san eilean agus ma tha iad a' lorg luchd-obrach, feumaidh iad taighean a chur air dòigh."

Bha Mowi fosgailte agus gu math deònach èisteachd ris a' choimhearsnachd, a rèir Anna.

"Bha iad ag innse dhuinn gur e gnìomhachas a th' ann agus gu bheil iad ag iarraidh prothaid a dhèanamh dha na daoine a th' air cùl Mowi," thuirt i.

"Ach tha iad airson a bhith ag obair còmhla ris a' choimhearsnachd."

Eilean beag creagach sa mhuir tuath air an Eilean SgitheanachTùs an deilbh, Mowi

Tha na planaichean fhathast sna tràth ìrean agus chaidh a' choinneamh a chumail air thoiseach air iarrtas dealbhachaidh sam bith a dh'fhaodadh a bhith air a dhèanamh.

Thuirt Mowi gun bhruidhinn iad air buannachdan dhan choimhearsnachd agus gun geall iad taighean a thogail do luchd-obrach, ann an co-bhann leis a' choimhearsnachd ionadail.

Tha Dùghlas Mac an t-Sealgair na Stiùiriche Teicnigeach aig Mowi Alba.

Thuirt e: "Bidh obraichean ùra ann, a thuilleadh air dà phreantasachd.

"Tha sinn cuideachd a' coimhead air taigheadas coimhearsnachd.

"Tha fhios againn gu bheil taigheadas na dhùbhlan air a' Ghàidhealtachd san fharsaingeachd agus san Eilean Sgitheanach.

"Bhiodh sin dhan luchd-obrach agus tha sinn an dòchas obrachadh còmhla ris a' choimhearsnachd airson taighean ùra a thoirt dhaibh."

A dh'aindeoin 's gu bheil iarrtas san sgìre airson cosnaidhean agus taighean, tha ceistean air cuid mu na planaichean.

Tha na ceistean sin co-cheangailte ri buaidh air gnìomhachas an iasgaich, buaidh air na ròin agus an sgudal a bhios uaireanan a' tighinn à tuathanasan-èisg.

"Bha iad math air na ceistean sin a fhreagairt," thuirt Anna.

"Chì sinn. Cò aig a tha fios? 'S e toiseach-tòiseachaidh a tha seo air bruidhinn ri gnìomhachas mòr agus bha faireachdainn ann gum bu chòir dhuinn a bhith a' bruidhinn riutha."

Thèid bileagan fiosrachaidh chun a h-uile taigh ann an Cille Mhoire, a' mìneachadh nam planaichean agus thèid an uairsin buidheann conaltraidh a stèidheachadh le riochdairean bhon choimhearsnachd agus Mowi fhèin.

Tuathanas-èisg far chosta an Eilein Sgiathanaich. Tha ochd cèidsichean cruinn ann. Tha am muir ciùin.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Mowi an dòchas gum bi còig cèidsichean an lùib an tuathanais

Tha còrr is 1,900 daoine gam fastadh le Mowi ann an Alba.

Tha 56 tuathanasan-èisg àca anns an dùthaich, 's a' chompanaidh a' reic còrr is 75,000 tonna de bhradan gach bliadhna.

Thuirt Mowi gu bheil iad air sgrùdadh àrainneachdail a thòiseachadh agus ma thèid leotha leis an sin, gun dèan iad tagradh airson cead-dealbhachaidh ann am bliadhna no bliadhna gu leth.