Cion-dachaigheachd aig an ìre às àirde an trì bliadhna air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Tha an àireamh de dhaoine a tha gun dachaigh air a' Ghàidhealtachd air an ìre às àirde ann an trì bliadhna a ruighinn, a rèir aithisg ùr air am bi comhairlichean na sgìre a' beachdachadh an-diugh.
A rèir na h-aithisg, taobh a-muigh, bha 406 neach gun dachaigh ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd ann an 2025/26.
Bha a' mhòr-chuid dhiubh eadar 26 agus 59 bliadhna a dh'aois, le 270 cùisean air an clàradh airson na buidhne-aoise sin.
Bha 86 neach eadar 18 agus 25 cuideachd às aonais dachaigh.
'S e daoine a' dealachadh bhon cèile agus uachdarain ag iarraidh air daoine àite-fuirich fhàgail an dà adhbhar bu chumanta airson a bhith gun dachaigh, a rèir na h-aithisg.
Tha àrdachadh cuideachd air a thighinn air an àireamh de theaghlaichean gun dachaigh a tha a' fuireach ann an àitichean-còmhnaidh eadar-amail, le 497 gan clàradh.
Tha sin nas miosa na a' bhliadhna roimhe sin ach nas fheàrr na 2024/25, nuair a bha còrr is 500 teaghlach gun dachaigh ann an àiteachan-fuirich eadar-amail.
Thuirt an aithisg gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' leantainn orra le oidhirpean àitichean-còmhnaidh maireannach fhaighinn do dhaoine a tha gun dachaigh san sgìre.