Cheannaich Mowi dà eilean gus tuathanasan-èisg a stèidheachadh

Tha Fladaigh Chuain tuath air an Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh Mowi air innse gu bheil iad air dà eilean a cheannach.
Cheannaich iad Fladaigh Chuain, tuath air an Eilean Sgitheanach, agus Eilean Shanndaigh, deas air Cinn Tìre.
Rinn iad seo 's a' chompanaidh an dùil tuathasan-èisg a stèidheachadh anns na sgìrean sin.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad an dùil leasachadh a dhèanamh air Eilean Shanndaigh do luchd-turais, agus gun rachadh na planaichean aca 'son Fladaigh Chuain fhoillseachadh an ceann ùine.

Tha còrr is 1,500 daoine gam fastadh le Mowi ann an Alba.
Tha 48 tuathanasan-èisg àca anns an dùthaich, 's a' chompanaidh a' reic còrr is 68,000 tonna de bhradan gach bliadhna.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gun rachadh 14 obraichean a chruthachadh an lùib an tuathanais-èisg, agus thigeadh 10 obraichean eile an cois an leasachaidh turasachd.
Thuirt Àrd-Oifigear Ghnìomhan Mowi, Ben Hadfield: "Tha cothrom againn rudeigin air leth sònraichte a dhèanamh ann an Eilean Shanndaigh.
"'S e am prìomhachas againn a-nis co-chomhairleachadh ris na coimhearsnachdan anns an sgìre agus plana bith-iomadachd farsaing a leasachadh dhan eilean", thuirt e.
Tha molaidhean cuideachd gan ullachadh airson leasachaidh timcheall air Fladaigh Chuain.