Chan fhaigh euslainteach, 80, às an Òban cùram nas fhaisge na Dùn Èideann

John Russell
Fo-thiotal an deilbh,

Ghabh John Russell sròc sa Ghiblean an-uiridh, 's tha e fhathast san ospadal

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid fireannach, 80, a chur ann an dachaigh-cùraim 120 mìle bho a dhachaigh san Òban an dèidh dha a bhith 16 mìosan san ospadal.

Thuirt a' bhean aig John Russell gu bheil i air a cuid foighidinn a chall le siostam "briste" a' chùraim, agus tha i air sgrìobhadh chun a' Phrìomhaire feuch dèanamh cinnteach gum faigh an duine aice cùram nas fhaisge air an dachaigh.

Chaidh Mgr Russell a chur dhan ospadal sa Ghiblean an-uiridh, an dèidh dha sròc a ghabhail.

Teresa Russell
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt a bhean, Teresa, 79, a bhios a' cleachdadh cathair-chuibhle, gum biodh e do-dhèante dhi tadhal air an duine aice nam biodh e ann an Dùn Èideann

An dèidh 16 mìosan, tha e fhathast ann an Ospadal Latharna agus nan Eilean, far a bheil a shuidheachadh air a dhol am miosad.

Thuirt a bhean aige, Teresa, 79, nach do thill e dhachaigh a dh'aindeòin 's gun deach pacaiste cùraim a chur an àite grunn mhìosan air ais.

Chaidh àite a thabhann air Mgr Russell a-niste aig dachaigh-cùraim an Dùn Èideann, ach thuirt a' Bh-Ph. Russell, a bhios a' cleachdadh cathair-chuibhle, gum biodh e do-dhèante dhi tadhal air gu cunbhalach, leis gum biodh aice ri dà thrèana a ghabhail ann.

Bha a' Bh-Ph. Russell roimhe na nurs, agus thuirt i nach eil soillearachd ann idir mu na tha a' tachairt a thaobh cùram an duine aice, ach gu bheil i na h-èiginn gum bi e nas fhaisge air an dachaigh, fiù 's ged a dh'fheumadh e fuireach san ospadal.

Iomallach is dùthchail

Thuirt labhraiche às leth Compàirteachas Slàinte agus Cùraim Shòisealta Earra-Ghàidheal is Bhòid nach fhaod iad bruidhinn mu chùram euslaintich sam bith gu poblach.

Thuirt iad cuideachd gum faod e a bhith na dhùbhlan àite ann an dachaigh-cùraim fhaighinn dha daoine ann an coimhearsnachdan iomallach agus dùthchail, gu h-àraid ma dh'fheumas an duine cùram a là 's a dh'oidhche.

Chan fhaighear cùram mu choinneimh cuid de dh'fheumalachdan ach anns na h-uimhir de dh'àitichean, thuirt iad.

Aig a' cheart àm, tha dùil aig BPA Tòraidheach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Tim Eagle, cùis Mhgr Russell a thogail aig Holyrood Diciadain aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

Tha e mar thà air sgrìobhadh gu John Swinney a thogail air suidheachadh "ris nach gabhar, 's a th' air a bhith a' leantainn ro fhada".

Thuirt e nach tigeadh e a-steach air duine gum feumadh Mgr Russell coimhearsnachd san robh e fhein 's a bhean air a bhith a fuireach còrr air 50 bliadhna fhàgail.