Dithis an greim an dèidh cocain 's cainb fhaighinn an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Tha na poilis air boireannach agus fireannach a chur an greim agus fo chasaid an dèidh mar a chaidh cocain agus cainb sa bheil luach timcheall air £150,000 a lorg ann an Inbhir Nis.
Chaidh oifigearan gu dà sheòladh air Rathad Chille Mhoire agus Barraid Glendoe ann an sgìre Mharc Innis den bhaile.
Tha dùil gun nochd am fireannach, 58, agus am boireannach, 38, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis an ceann ùine.
Thuirt an Detective Conastabal Ashley Templeton: "Tha na fhuaireadh a' dearbhadh cho dìcheallach 's a tha sinn ann an bhith a' tighinn cruaidh air drugaichean mì-laghail nar coimhearsnachdan.
"Tha fiosrachadh bhon phoball riatanach agus dh'iarramaid air duine sam bith le fiosrachadh neo le draghan mu dhrugaichean sa choimhearsnachd aca fios a chur oirnn."