Moladh smachd air màl goirid a thoirt a-steach an Loch Abar ga dheasbad

Tha oifigich planaidh ag ràdh gun tàinig àrdachadh mòr air àitichean-fuirich airson ùine ghoirid sa Ghearasdan
- Air fhoillseachadh
Beachdachaidh comhairlichean Gàidhealach air planaichean a dhèanadh cuingealachadh ann an Loch Abar air na tha de dh'àitichean-fuirich ri fhaotainn airson ùine ghoirid.
Tha oifigich ag ràdh gu bheil fàs nas luaithe air tighinn air na tha de dh'àitichean-fuirich - an leithid AirBnB - sa Ghearasdan agus an Drochaid an Aonachain na air a' Ghaidhealtachd gu lèir.
Tha iad a' moladh gun gabh comhairlichean ri plana sòn smachdachaidh a stèidheachadh an Loch Abar.
Tha sgeama smachdachaidh mu thràth an sàs am Bàideanach agus Srath Spè a tha a' ciallachadh gu bheil cead-dealbhachaidh a dhìth an sin airson taigh a chur a-mach air màl goirid às ùr.
Smachd air màl goirid an trì sgìrean aig tuath fon phrosbaig
- Air fhoillseachadh3 An t-Samhain 2025
Sgìre smachdachaidh ga h-aontachadh am Bàideanach
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2022
Moladh gun sgìre smachdachaidh mhàil ghoirid a bhith air Ghàidhealtachd air fad
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain 2025
Cho-dhùin Comhairle na Gàidhealtachd gun riaghailtean nas cruaidhe a bheireadh smachd air màl goirid a thoirt a-steach san sgìre air fad, ach gum bu chòir sin fhàgail aig comataidhean sgìreil fa leth.
An t-seachdain seo chaidh dh'aontaich ComataidhTaobh Siar Rois, Srath Pheofhair agus Loch Aillse barrachd rannsachaidh a dhèanamh air sòn smachdachaidh a stèidheachadh ann.
Tha draghan ann gu bheil na tha de dh'àitichean-fuirich nach fhaighear ach airson ùine ghoirid ann an cuid de sgìrean ga fhàgail doirbh do dhaoine a tha a' còmhnaidh ann dachaigh sheasmhach fhaighinn.
Tha sònaichean smachdachaidh gam faicinn mar aon dòigh fuasgladh fhaighinn dhan trioblaid.
Aig a' cheart àm tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air gnothachasan na sgìre suirbhidh a lìonadh mu dhìth taigheadais agus mar a tha sin a' toirt buaidh air an eaconamaidh.
Tha seo mar phàirt de Phlana-Ghnìomh Taigheadas na Gàidhealtachd ris an do ghabh a' Chomhairle an-uiridh airson dèiligeadh ri gainnead taigheadais.
Thathar a' tomhas gum feumar an sgìre 24,000 dachaigh ùr thairis air an ath 10 bliadhna.
Faodar an suirbhidh a lìonadh an seo, taobh a-muigh.
Tha Comhairle na Gàidhealachd a' tomhas gum feumar an sgìre 24,000 dachaigh ùr thairis air an ath 10 bliadhna.