Fiosrachadh ga shireadh an dèidh do speireag bàsachadh an ribe mì-laghail

- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu mar a chaidh eun-creachaidh a th' air a dhìon fon lagh a ghlacadh ann an ribe mì-laghail san Eilean Dubh.
Fhuaireadh an speireag faisgh air Tèarmann Nàdair Ghleann Sìth ann an Ros Maircnidh Disathairne an 4mh den Ghiblean.
Bha cas an eòin glacte ach bha e fhathast beò. B' fheudar oifigearan an SPCA an t-eun a spadadh leis cho dona 's bha e air a ghoirteachadh.
Tha Oifigear Eucoir Fiadh-bheatha nam poileas, an Conastabal Daniel Crilley ag ràdh gun deach an t-eun a ghlacadh ann an ribe Fenn.
Thuirt e: "Chan eil ribichean Fenn laghail ach ma tha iad gan cleachdadh air dhòigh agus nach dèan iad cron air beathaichean air nach eil iad ag amas, ach b' ann mar sin a bha an trap seo, ga dhèanamh mì-laghail."
Tha speireagan air an dìon fo Achd nam Fiadh-bheathach agus na Dùthcha.
Tha SPCA ag ràdh gun deach "an t-eun fhàgail ann an cràdh mòr gun adhbhar" agus dh'iarr iad fhèin agus Comann Rìoghail Dìon nan Eun air daoine a dhol dha na poilis ma tha fiosrachadh aca.