Cha tèid casg-siubhail air milleanair a rinn droch-dhìol air boireannaich a thogail

Taigh cùirte - togalach mòr bàn le ìomhaigh snaighte de dh'fhear air muin eich air a bheulaibh agus càraichean nan stadTùs an deilbh, SEIRBHEIS CHÙIRTEAN AGUS TRIBIUNAL NA H-ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Dhiùlt britheamhan aig Cùirt Siorraim nan Ath-thagraidhean ann an Dùn Èideann an tagradh

  • Air fhoillseachadh

Cha deach le ath-thagradh laghail fear-gnothachais beartach a rinn droch-dhìol air boireannaich sho-leònta na loidse air a' Ghàidhealtachd an casg a th' air bho bhith a' dol a-null thairis a thogail.

Sa Ghearran 2025, cho-dhùin cùirt shìobhalta gun do dh'fhastaich Kevin Booth boireannaich bhon Rìoghachd Aonaichte agus bho thall thairis agus gun tug e ionnsaighean borb orra na dhachaigh ann an Gallaibh.

Chaidh casg a chur air bho bhith a' siubhal taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte airson còig bliadhna an dèidh do Phoileas Alba cùis shìobhalta a thogail na aghaidh.

'S e a' chiad turas a chuir cùirt Albannach casg-siubhail eadar-nàiseanta air neach.

Rinn Booth ath-thagradh an aghaidh a' cho-dhùnaidh, ach chaidh a dhiùltadh le Cùirt Siorraim nan Ath-thagraidhean.

Chuala a' chùirt gun do thog Booth bhideothan de na h-ionnsaighean a thug e air na boireannaich, nam measg fear 18 mionaidean de dh'fhaid a sheall boireannach leis an fhìor eagal oirre a dh'fheuch ri teicheadh ach cha b' urrainn.

Chaidh a ràdh "nach b' e ach ciùrradh" a bh' anns an ionnsaigh.

Rinn Poileas Alba an tagradh airson a' chaisg-siubhail aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Ùige fo reachdas trafaigeachd agus dubh-shaoradh.

Chuir an Siorram Neil Wilson casg còig bliadhna air Booth bho bhith a' siubhal taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte.

"Air leth lèireach"

Bha luchd-lagha Booth ag argamaid aig Cùirt Siorraim nan Ath-thagraidhean ann an Dùn Èideann Dimàirt nach do lean an siorram na riaghailtean laghail nuair a thug e seachad an t-òrdugh.

Dh'innis iad do na triùir shiorraman a bha a' beachdachadh air an ath-thagradh nach do dh'ainmich an Siorram Wilson dè an eucoir a dh'fhaodadh Booth a dhèanamh agus thuirt iad gun robh mar sin "an t-òrdugh mì-laghail".

Cha do ghabh na britheamhan ath-thagraidh ris an argamaid sin. Thuirt iad gun robh iad "riaraichte" gun robh breithneachadh an co-obraiche ceart.

Thuirt na poilis nuair a chaidh an t-òrdugh a chur an sàs gur e an dòigh as fheàrr sùil a chumail air Booth agus boireannaich a dhìon a thoirmisg bho bhith a' falbh às an dùthaich.

Sgrìobh an Siorram Wilson: "Tha an fhianais mu dhol a-mach Mhgr Booth a chuala a' chùirt air leth lèireach aig amannan."

Cho math ris a' chasg-siubhail, feumaidh Booth innse dha na poilis 14 là ro làimh mus toir e obair do neach-obrach boireann.

Feumaidh e cuideachd innse dha na poilis mus tig luchd-tadhail boireann dhan taigh aige agus tha cead aig oifigearan sgrùdaidhean a dhèanamh uair sam bith gun rabhadh a thoirt seachad.

Cha mhotha as urrainn dha taic a chumail ri tagraidhean bhìosa dhaoine ach feadhainn chàirdean gun cead nam poileas, agus feumaidh e cuideachd an cead-siubhail aige a leigeil seachad.