Dragh gun caill iasgairean eileanach suas ri £1m ri linn sgìrean dìon mara

Cidhe Bheàrnaraigh. Cala le bàtaichean-iasgaich beaga ris a' chidhe. Tha daoine air a' chidhe agus grunn chàraichean.
LeAilig John Moireasdan
BBC NaidheachdanAg aithris àLeòdhas
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil e fìor chudromach gum faigh iad beachdan iasgairean mu phlanaichean gus riaghailtean is ceumannan ùra a thoirt a-steach a thaobh iasgaich ann an sgìrean dìon mara faisg air a' chladach.

Tha dùil gun tòisich co-chomhairle a dh'aithghearr mu na ceumannan ùra a bheireadh buaidh air còrr 160 làrach a tha air an comharrachadh mar-thà.

Tha a' mhòr-chuid dhiubh sin air costa siar na h-Alba agus grunnan timcheall air na h-Eileanan an Iar.

Tha seo a' toirt a-steach sgìrean MPA - Marine Protected Areas - agus sgìrean PMF - Priority Marine Features.

Chan eil e follaiseach fhathast dè dìreach a bhios anns na molaidhean ùra.

Bha dùil gun tachradh a' cho-chomhairle ron taghadh Albannach ach chaidh dàil air gus am biodh a' phàrlamaid ùr ann agus an ùine a' ruith air a' phròiseas.

A' bruidhinn aig toiseach an t-samhraidh, thuirt Ministear an Àiteachais, na Mara is nan Eilean, Jim Fairlie, gun robh e an dùil gum biodh a' cho-chomhairle "gu math connspaideach" is gun robh feum air na h-uimhir de dh'obair a dhèanamh mus tòisicheadh e.

Tha dùil a-nise ris anns na seachdainean ri thighinn.

Bha iasgairean anns na h-Eileanan an Iar agus Comhairle nan Eilean Siar, taobh a-muigh air iomagain a nochdadh an-uiridh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig na planaichean, is dragh air cuid gur e oidhirp a bh' ann dòigh eile fhaighinn air sgìrean HPMA a chruthachadh.

Bhiodh na planaichean sin air casg a chur air iasgach ann an sgìrean a bha air an comharrachadh.

Chaidh na planaichean a thilgeil às air a' cheann thall bho chionn trì bliadhna is connspaid mhòr air a bhith ann timcheall orra.

Tha dragh ann fhathast ge-tà, mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air iasgairean ma thèid riaghailtean a theannachadh ann an sgìrean dìon, is fiù 's gun tèid grunndan-iasgaich traidiseanta a dhùnadh.

Thuirt Dòmhnall MacIllEathain bhon chompanaidh mhaorach Barratlantic: "Tha iad a' bruidhinn air sgìre gun chiall a dhùnadh agus tha sin a' ciallachadh gum bi sinn sìos co-dhiù mu £1m, eadar sinn fhèin agus na h-iasgairean.

"Tha eathraichean againn air a bhith ag obair airson 30 bliadhna agus chan eil atharrachadh sam bith ann agus chan eil mi a' faicinn carson a tha iad a' dol ga dhùnadh a-nis."

Fear leth-sheann le cota geal agus ad gheal air.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Dòmhnall MacIllEathain ag ràdh gum faodadh e fhèin agus iasgairean ionadail suas ri £1m a chall ma thèid na planaichean air adhart

Tha Jim Fairlie a' dol às àicheadh gun deach co-dhùnadh a dhèanamh cheana.

Thuirt e: "Cha tèid aontachadh ri càil gus am bi co-dhùnadh ann. Mar sin, feumaidh iasgairean freagairtean a thoirt seachad.

"Thigibh thugainn le fuasglaidhean, airson ar cuideachadh dìon a chur air an roinn aca agus dìon àrainneachd a chur an gnìomh aig a' cheart àm."

Nochd Comhairle nan Eilean Siar dragh gur ann a-mhàin airson targaidean reachdail a choileanadh a tha na molaidhean seo gun smaoineachadh air a' bhuaidh eaconamaich a dh'fhaodadh a bhith nan cois.

Jim Fairlie BPA, fireannach maol, le speuclairean air
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Jim Fairlie ag ràdh gun èist iad ri beachdan iasgairean agus nach deach aonta a ruighinn fhathast

Thuirt Mgr Fairlie gur e an t-amas aca cothromachadh a dhèanamh eadar feumalachdan nan iasgairean agus obair ghlèidhteachais.

Thug am ministear barrantas dha na h-iasgairean nach deach aonta a ruighinn agus gu bheil na freagairtean aca cudromach.

Thuirt e: "Tha daoine ag ràdh gu bheil co-chomhairle gus a bhith ann ach tha na co-dhùnaidhean air an dèanamh mar-tha - chan eil sin idir fìor.

"Tha e gu math soilleir dhomh an droch bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith an cois dhùnaidhean sam bith, ach tha e cuideachd soilleir dhomh gum feum sinn coileanadh na dh'fheumas sinn a dhèanamh airson cumail ris an reachdas a th' ann.

"Bidh e doirbh."

Leanaidh a' cho-chomhairle 16 seachdainean nuair a thòisicheas i.