Naidheachdan 11:00m

Tuineachain Iùdhach

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ullachadh casg air a bhith a' ceannach bho bhailtean Iùdhach mì-laghail air a' Bhruaich an Iar. Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh bho Rùnaire nan Cùisean Cèin, Ed Miliband, ann an Taigh nan Cumantan feasgar. Thuirt tosgaire nan Stàitean Aonaichte do dh'Isreal, Mike Huckabee, gum faodadh freagairt Aimeireaganach a bhith ann do dhol a-mach Bhreatainn. Thuirt buidhnean a tha a' riochdachadh Iùdhach Bhreatainn gu bheil cunnart dhaibh-san an lùib a bhith a' cur casg-bhannan air na tuineachain Isrealach.

Ìrean foghlaim

Tha ìrean leughaidh agus matamaitig an Alba a' dol bhuaithe a rèir rannsachaidh eadar-nàiseanta. Ach tha Alba os cionn na h-ìre sa chumantas agus tha an rannsachadh a' sealltainn piseach ann an saidheans. Chaidh Alba sìos sna rangannan thar nam 40 bliadhna mu dheireadh agus tha i a-niste air dheireadh air Sasainn. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil an rannsachadh ag innse gu bheil siostam foghlaim na h-Alba farpaiseach agus os cionn a bhith cuibheasach.

Sgìrean dìon mara

Dh'iarr Ministear an Àiteachais, na Mara 's nan Eilean, Jim Fairlie, air iasgairean pàirt a ghabhail ann an co-chomhairle mu phlana ùr airson sgìrean dìon mara. Tha dùil ri co-chomhairle a dh'aithghearr air sgìrean MPA a bha fìor chonnspaideach an turas mu dheireadh a chaidh planaichean fhoillseachadh air an son bho chionn trì bliadhna. Tha dragh ann gun caill iasgairean sna h-eileanan cho mòr ri £1m a h-uile bliadhna ma thèid iad sin air adhart an turas seo.

Caolas na Hearadh

Tha mì-chinnt ann mu ghnìomhachas air gach taobh de Chaolas na Hearadh le dearbhadh bho ChalMac gum bi deireadh na mìos ann mas till aiseag charbadan eadar an t-Òb agus Beàrnaraigh. Tha an Loch Portain, am bàta àbhaisteach, san doc ann an Grianaig an-dràsta le trioblaid einnsein. San eadar-ama tha seirbheis do luchd-siubhail air chois air Caolas na Hearadh, agus an Glen Sannox a' seòladh eadar an Tairbeart 's Loch nam Madadh.

Tubaist rathaid

Tha poilis fhathast a' sireadh dithis bhoireannach agus fireannach a theich bho thubaist rathaid faisg air Port Adhair Dhùn Èideann sa mhadainn an-dè. Chaidh fireannach, a bha 58, a mharbhadh san tubaist air an A8 eadar Newbridge agus Gogar.