Fiosrachadh ga shireadh mu àitichean-fuirich aig Mòd 2027

- Air fhoillseachadh
Tha a' bhuidheann Turasachd Innse Gall air sgrùdadh a thòiseachadh mu na bhios ri fhaighinn de dh'àitichean-fuirich do luchd-tadhail nuair a thig am Mòd Nàiseanta Rìoghail dhan sgìre an ath-bhliadhna.
Bha am Mòd anns na h-Eileanan an Iar mu dheireadh ann an 2016 nuair a thàinig còrr air 7,500 duine is £2.4m air a chur ri eaconamaidh na sgìre.
Tha an-còmhnaidh fèill mhòr air àitichean-fuirich nuair a thig am Mòd dha na h-Eileanan an Iar.
Tha dùil ge-tà, gum bi cùisean gu seachd àraid trang an ath-bhliadhna is coltas ann gum bi tòrr luchd-obrach anns na h-eileanan co-dhiù 'son a bhith ag obair air pròiseactan mòra ath-nuadhachail.
Am Mòd a' dol a Ghlaschu agus dha na h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh4 An t-Ògmhios 2024
Beatha ùr do Thaigh-òsta a' Chaley
- Air fhoillseachadh29 Am Faoilleach
Suirbhidh air buaidh staing nan aiseagan air gnothachasan eileanach
- Air fhoillseachadh15 An Giblean
Thuirt Turasachd Innse Gall gu bheil iad ag obair còmhla ris a' Chomunn Ghàidhealach feuch tomhas fhaighinn air na bhios ri fhaighinn a thaobh àitichean-fuirich.
Tha iad air suirbhidh, taobh a-muigh a sgaoileadh is iad airson faighinn a-mach mu àitichean ann an Leòdhas is na Hearadh eadar an 8mh is an 16mh den Dàmhair.
Thuirt an Comunn Gàidhealach fhèin gu bheil iad ag obair gu dlùth ri Comhairle nan Eilean Siar, Turasachd Innse Gall is feadhainn eile ann an gnìomhachas na h-aoigheachd mar phàirt den ullachadh airson Mòd 2027.
"Mar phàirt den obair seo, tha sinn a' dèanamh sgrùdadh air àitichean-fuirich an t-seachdain sin gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh as fheàrr agus as ùire againn".