Draghan mòra mu shàbhailteachd is ceannas aig Home Farm

Home Farm
LeAlasdair MacLeòid
BBC NaidheachdanAg aithris àsAn t-Eilean Sgitheanach
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-sgrùdaidh air fìor dhraghan a thogail mun dòigh sa bheil dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh air a ruith.

Tha iomagain orra mu shàbhailteachd luchd-còmhnaidh, laigsean san sgioba-stiùiridh, agus thog cuid de luchd-obrach gu bheil "cultar puinnseanta" anns an àite

Dh'fhoillsich an coimisean aithisg, taobh a-muigh às dèidh dhaibh tadhal air an dachaigh-chùraim air a' mhìos a chaidh.

Tha iad air fios a chur mar-thà gu NHS na Gàidhealtachd, a tha ga ruith, gum faodadh cead an t-àite a ruith mar dhachaigh-cùraim a bhith air a tharraing mura tig piseach air gnothaichean cho tràth ris an ath-sheachdain.

Chaidh ceannardas na dachaigh-cùraim a mheas cho ìosal 's as urrainn don choimisean a mheas.

Thugadh òrdugh leasachaidh don dachaigh-chùraim deireadh a' Chèitein mus deach an aithisg fhoillseachadh, 's an t-òrdugh sin a' toirt dhaibh chun an 8mh là den Iuchar airson piseach a thoirt air cùisean sònraichte.

Am measg nam prìomh dhraghan a thog an aithisg, bha nach robh luchd-obrach gu leòr ann airson taic shàbhailte a thoirt do luchd-còmhnaidh, agus gun robh luchd-obrach ag obair cus uairean, gam fàgail claoidhte.

Cha robh an luchd-obrach an-còmhnaidh a' faireachdainn gum faodadh iad gearainnean a thogail, ri linn "cultair phuinnseanta", agus bha trèanadh a dhìth air luchd-obrach.

Cha robh manaidsearan an làthair gu leòr, agus cha robh tubaistean gan clàradh no gan làimhseachadh ceart.

Bha sàbhailteachd lag, gun leithid deuchainnean teine gan dèanamh ann an còrr air bliadhna, agus obair-càraidh air fhàgail neo-dhèante.

Bha pròiseasan nach robhas a' leantainn ann a bhith a' toirt seachad cùraim.

Feumaidh na leasachaidhean gu lèir a bhith an sàs ron 1mh là den Lùnastal.

Chaidh an dachaigh-cùraim a ghabhail thairis le NHS na Gàidhealtachd ann an 2020 an dèidh dragh mòr mu mar a chaidh suidheachadh Covid a làimhseachadh leis a' chompanaidh phrìobhaidich HC-One, a bha a' ruith na dachaigh aig an àm.

Bhàsaich 11 duine den luchd-còmhnaidh nuair a sgap an galar san dachaigh.

Eagal

Tha luchd-iomairt san sgìre a' cur ceist ann an dòighean-obrach Choimisean a' Chùraim 's iad ag ràdh gu bheil mar a thathas a' làimhseachadh na cùise "a' cur an eagail" air a' choimhearsnachd.

"Carson a tha Coimisean a' Chùraim a' tighinn dhan ìre far a bheil iad a' bruidhinn mu dhùnadh?" thuirt Iain Gòrdan, mac fhir den 11 duine a bhàsaich le Covid aig Home Farm nuair a sgap an galar ann.

"Tha fhios gum bu chòir dhaibh a bhith a' coimhead ris na h-uimhir de chùisean fada mus maoidh iad dùnadh air dachaigh-cùraim."

Thuirt labhraiche às leth Coimisean a' Chùraim: "Far an toir sinn seachad Òrdugh Leasachaidh cuiridh sinn a-mach gu soilleir càite am feumar leasachadh fhaicinn ach an tig piseach air a' chùram a bhios daoine a' faighinn.

"Tha seirbheisean cùraim gu lèir a rèir proiseasan reachdail, agus thèid measadh a dhèanamh orra a rèir Inbhean na Slàinte 's a' Chùraim Shòisealta.

"Tillidh sinn an ceann ùine a dhèanamh cinnteach gun deach na leasachaidhean a chur an sàs."

Thuirt NHS na Gàidhealtachd: "Tha sinn ag obair a dh'ionnsaigh nan leasachaidhean air an do thog Coimisean a' Chùraim a chur an sàs.

"Tha sinn da-rìribh mun t-suidheachadh seo agus ag amas air na leasachaidhean a chur an sàs ron 7mh là den Iuchar."