Binn 19 bliadhna co-dhiù air fear a mhurt fireannach eile an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Chaidh binn beatha anns a' phrìosan air fear a mhurt fireannach eile a bh' air leigeil leis fuireach na dhachaigh ann an Inbhir Nis.
Feumaidh Waldermar Jaronski, aois 52, co-dhiù 19 bliadhna a chuir seachad anns a' phrìosan aig a' char as lugha mus tèid beachdachadh air paròl.
Bhuail Waldermar Jaronski Iain MacPhàrlain, a bha 32, le botal glainne mus do thachd e e agus a chuir e paidhir dhrathais na bheul.
Chaidh binn beatha air Jaronski anns an Àrd Chùirt ann an Glaschu Diluain.
Dh' aidich e chiont nas tràithe air a' mhios.
Thuirt am Morair Mulholland gun robh na h-aithrisean bho phàrantan agus bho phiuthair Iain MhicPhàrlain, a bhuineadh do dh' Ulapul bho thùs, nam briseadh-cridhe.
"An rud a bhuail orm, 's e cho coibhneil sa bha e.
"Bha e an-còmhnaidh a' cuideachadh dhaoine eile - gu h-àraidh daoine a bha feumach air taic. B' e fear-ciùil agus sgrìobhadair air leth a bh' ann. Thug an ceòl sin timcheall an t-saoghail e. Tha pàrantan Iain MhicPhàrlain ag innse mar a bha baile Inbhir Nis air fad a caoidh nuair a chaochail e," thuirt am britheamh.
Chaidh an ùine as giorra a dh' fheumas Jaronski a chuir seachad anns a' phrìosan a lùghdachadh bho 21 bliadhna air sgàth 's gun do dh'aidich e a chiont.
Mhurt Jaronski Iain MacPhàrlain na dhachaigh air an 4mh den Dùbhlachd 2025.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios
