Rathad an A82 fosgailte a-rithist às dèidh càr poilis a dhol na theine an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Dh'fhosgail rathad an A82 aig Drochaid nam Manach ann an Inbhir Nis às ùr feasgar Disathairne às dèidh dha a bhith dùinte fad na maidne le càr poilis air a dhol na theine.
Thachair seo air an drochaid beagan an dèidh 08:30 sa mhadainn Disathairne.
Bha na seirbheisean èiginn an làthair is thuirt Poileas Alba nach deach duine a ghoirteachadh.