Obair mhòr rathaid am meadhan Inbhir Nis ga cur dheth mìos

Sràid na Drochaid, Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gur ann san t-Samhain, 's chan ann san Dàmhair, a thèid obair mhòr a dhèanamh air cuid de phrìomh rathaidean Inbhir Nis.

Chaidh rabhadh a thoirt Dimàirt do dhràibhearan, luchd-rothair agus luchd-coise ann an Inbhir Nis gum biodh Openreach a' cladhach airson obair a dhèanamh air ductaichean fo Shràid na Drochaid, Sràid na Bruaich, Rathad a' Chaisteil agus air Drochaid Nis air an deireadh-sheachdain.

Ach sgaoil Comhairle na Gàidhealtachd fios madainn Diciadain gun deach sin a atharrachadh, 's gum bi e a-niste a' tachairt eadar an 16mh agus an 19mh là den t-Samhain.

Fàgaidh an obair gum bi siostam rathaid na sgìre, agus àitichean far an tèid luchd-coise tarsainn na sràide, ag atharrachadh.

Thèid na solais-thrafaig a th' ann a chur dheth, le feadhainn sealadach gan cur nan àite, agus thèid cuid de lèanaichean a dhùnadh rè ùine.

Cuirear soidhnichean an-àirde an t-seachdain seo a' toirt rabhaidh do dhaoine mu na thachras, le moladh an sgìre a sheachnadh ma 's urrainn.

Luchd-coise

Thèid na h-àitichean far am faigh luchd-coise tarsainn na sràide aig Ceum a' Chaisteil agus mu choinneimh Zizzi a dhùnadh rè ùine, le àite eile ga chur air dòigh gu sealadach mu choinneimh XOKO.

Air Sràid na Bruaich thèid an t-àite coiseachd tarsainn an rathaid mu choinneimh Johnny Foxes a dhùnadh rè ùine, le fear sealadach na àite aig raon-parcaidh Taigh-Òsta Mercure.

Gheibh luchd-coise tarsainn Rathad a' Chaisteil fhathast mu choinneimh River Grill, ach bi solais shealadach an sàs airson rian a chumail air trafaig.

Càraichean

Dùinear an lèana a' dol gu sear air Sràid na Drochaid, agus an lèana a' dol gu deas air Sràid na Bruaich, le trafaig ga stiùireadh timcheall a' cleachdadh an lèana a' dol gu siar air Sràid na Drochaid, agus a' dol gu tuath air Sràid na Bruaich. Bidh cuideachd aon lèana dùinte air Drochaid Nis a' dol gu sear.

Gluaisidh an obair gu ceann Rathad a' Chaisteil air an 19mh là den t-Samhain, leis na lèanaichean a' dol gu siar air Sràid na Drochaid gan dùnadh, le trafaig ga stiùireadh seachad a' cleachdadh taobh eile an rathaid.

Bidh an lèana a' dol gu deas air Rathad a' Chaisteil dùinte, le trafaig ga stiùireadh seachad air an lèana eile. Bidh cuideachd aon lèana air Sràid na Bruaich dùinte a' dol gu deas, a thuilleadh air an lèana a' dol gu sear air Drochaid Nis.

Bidh an obair a' gluasad gu ceann rathaid a' Bhealaich (View Place) agus Rathad a' Chaisteil air an 20mh là den t-Samhain, le solais thrafaig trì-shligheach an sàs.

Busaichean

Bheir an obair cuideachd buaidh air còmhdhail phoblaich, leis an stad-bus aig bun Staidhre Cheum a' Chaisteil air Rathad a' Chaisteil dùinte fhad 's a leanas an obair. Thèid stad-bus sealadach a chur na àite aig Taigh-Òsta Mercure air Sràid na Bruaich.

Bidh an stad-bus air Sràid na Bruaich a' fuireach fosgailte tron obair.