Fhuaireadh corp eile an iomairtean 'son luchd-coiseachd a lorg

Bha Adam Chalmers is Timothy Rosser air a dhol a dhìth is iad a' coiseachd air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Poilis Alba gun deach dàrna corp a lorg ann an iomairtean a bh' aca is dithis luchd-coiseachd air a bhith a dhìth ann an diofar cheàrnaidhean den Ghàidhealtachd.
Dhearbh iad gun d' fhuaireadh corp ann an sgìre Ghleann Comhann mu 6:50f Didòmhnaich.
Thuirt iad nach deach aithneachadh oifigeil a dhèanamh fhathast ach gun deach fios a chur gu teaglach Timothy Rosser.
Bha Mgr Rosser, 60, às na Stàitean Aonaichte, air a bhith a dhìth san sgìre.
Bha e air taigh-òsta ann an Dùn Èideann fhàgail Dimàirt 'son siubhal chun na Gàidhealtachd is chaidh an càr aige fhaicinn ann an Gleann Comhann.
Cha deach Mgr Rosser gu taighean-òsta san sgìre a bha air a chur air dòigh ro-làimh is thuirt a theaghlach nach robh e air bruidhinn riutha, rud a thuirt iad a bha neo-àbhaisteach dha.
Thuirt Poileas Alba nach eil iad den bheachd gu bheil dad amharasach mun chùis, is gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.
Fhuaireadh corp eile air a' Ghàidhealtachd Didòmhnaich.
Bha Adam Chalmers, 36, air a dhol a dhìth fhad 's a bha e a' coiseachd timcheall air Beinn Labhair Disathairne.
Bha Mgr Chalmers an dùil Meall Greigh, Meall Garbh agus An Stùc a dhìreadh.
Chualas bhuaithe mu dheireadh mu 12:40f is e ag ràdh gun robh air dà bheinn a dhèanamh.
Thuirt Poileas Alba gun deach innse do theaghlach Mhgr Chalmers gun deach corp a lorg.
Tha iad ag ràdh gu bheil an teaghlach airson leigeil fhaicinn gu bheil iad taingeil dhan a h-uile buidheann a bha an sàs san iomairt.
Thuirt na poilis nach eil dùil gu bheil dad amharasach mun chùis is gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.