Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir gus inbhe Sgìre Cànain Shònraichte fhaighinn

An t-Eilean Sgitheanach
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an dùil an sgìre aca gu lèir a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.

Tha na sgìrean ùra seo a' tighinn a-steach mar phàirt de dh'Achd nan Cànanan Albannach a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba an-uiridh.

Thathar an dùil gum bi e comasach tuilleadh taice a thoirt dhan Ghàidhlig anns na sgìrean seo is gnìomhan sònraichte a chur an sàs annta.

Tha mì-chinnt air a bhith ann bho thùs ge-tà, mu dè dìreach a bhiodh an cois nan sgìrean sònraichte is dè cho mòr no cho beag 's a bhios iad.

Ann an aithisg ùr a thèid air beulaibh Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain seo tighinn, taobh a-muigh, thathar ag innse gu bheil Sgioba Stiùiridh an ùghdarrais ionadail air moladh an inbhe ùr a chur air an sgìre gu lèir.

Thèid iarraidh air buill na comataidh aontachadh gur e seo an dòigh as èifeachdaiche inbhe Sgìre Cànain Shònraichte a chur an sàs aig tuath.

Fo na molaidhean, 's ann air Comataidh na Gàidhlig fhèin a bhiodh dleastanas dèiligeadh ris an inbhe is na gnothaichean a bhios na cois.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an stiùireadh reachdail a' ceadachadh do dh'ùghdarrasan ionadail sgìrean slàna ainmeachadh mar Sgìrean Cànain Shònraichte is gu bheil an dòigh-obrach seo air a mheas freagarrach dha-rìribh do shuidheachadh na Gàidhealtachd.

Thathar ag ràdh le seo gum faodadh àite sam bith ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd taic shònraichte fhaighinn fon inbhe is na slatan-tomhais a tha san achd:

  • An àireamh dhaoine le sgilean cànain Gàidhlig

  • Ceanglaichean eachdraidheil ris a' Ghàidhlig

  • Foghlam Gàidhlig

  • Cur-seachadan cultarach a thaobh na Gàidhlig

Tha an aithisg ag ràdh gum biodh "Frèam-obrach Lìbhrigidh Stèidhichte air Àite" ann, a' ciallachadh gum biodh e comasach poileasaidhean is gnìomhan eadar-dhealaichte a chur an sàs ann an diofar cheàrnaidhean den Ghàidhealtachd.

Tha e a' togail gu sònraichte air an Eilean Sgitheanach mar àite far a bheil a' Ghàidhlig nas làidire aig ìre na coimhearsnachd is far am faodadh barrachd taice a bhith ann, mar Chataibh mar àite le dualchas làidir Gàidhlig ach le feum 's dòcha air taic eadar-dhealaichte, agus air Inbhir Nis mar bhaile far a bheil FtMG air fàs gu mòr is far am biodh gnìomhan diofraichte 's dòcha freagarrach.

Thathar ag ràdh gum biodh sùbailteachd an lùib inbhe dhan Ghàidhealtachd gu lèir gus an taic as freagarraiche 'son sgìrean fa leth a chur an sàs.

Thèid a-nise barrachd aithisgean a dhèanamh air ciamar dìreach a dh'obraicheas an inbhe.

Tha e ag ràdh gum biodh bliadhna aig Comhairle na Gàidhealtachd bhon 1mh den t-Sultain gus inbhe Sgìre Cànain Shònraichte a chur an sàs.

Tha an aithisg ag innse cuideachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba air taic-airgid £1.5m a chomharrachadh airson Sgìrean Cànain Shònraichte aig ìre nàiseanta, ach nach eil fios aig an ìre seo ciamar a dh'obraicheas am pròiseas maoineachaidh.