FAI gu bhith ann air bàs iasgair à Eilean Luinn

Thachair an tubaist sna Dùbhlachd 2023
- Air fhoillseachadh
Thèid Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir a dhèanamh air bàs iasgair à Eilean Luinn ann an Earra-Ghàidheal.
Fhuair rannsachadh a rinn Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara an-uiridh gu deach cas Eoghann MhicLachlainn, 58, a ghlacadh ann an ròpa air a' bhàta-chlèibh aige, an Nista, 's chaidh a tharraing dhan mhuir air an 13mh là den Dùbhlachd 2023.
Chaidh a chorp a lorg an dèidh dhan bhàta a dhol air tìr ann am Beul na h-Uamha.
Thèid ro-èisteachd a chumail aig Cùirt an t-Siorraim anns an Òban air an 29mh là den Chèitean.
Sàr-mharaiche
'S e amas Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir (FAI) a bhith a' dèanamh a-mach dè dìreach a b' adhbhar do bhàs dhuine, agus dè ghabhadh dèanamh - nan gabhadh dad idir dèanamh - airson am bàs a sheachnadh.
Chan eil e ag amas air duine a choireachadh.
"Thachair bàs Eoghann MhicLachlainn fhad 's a bha e ag obair, agus mar sin feumar gu laghail rannsachadh FAI a dhèanamh," thuirt Neach-casaid a' Chrùin, Andy Shanks.
"Tha a bhith a' cur a-steach a' Chiad Bhrath a' leigeil le pròiseas FAI tòiseachadh fo stiùir an t-Siorraim.
"Thèid fiosrachadh a chumail ri teaghlach Eoghann MhicLachlainn mar a thèid cùisean air adhart."

Aig an àm, thuirt Comann Iasgairean Chluaidh gun robh iad "air deagh charaid agus sàr cho-obraiche a chall".
"Tha a' choimhearsnachd nas fharsainne air duine a chall a bha iongantach caomh, sgileil, làn fealla-dhà, agus a bhiodh ag obair gu cruaidh.
"B' e sàr-mharaiche a bh' ann, le dealas dha daoine agus ceòl. Bha e aig cridhe a choimhearsnachd."