Naidheachdan 09:00m
Imrichean
Cuiridh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an ainm ri aonta ùr leis an Fhraing a chuireas na ceudan oifigearan poilis agus buill airm air tràighean na Frainge ann an oidhirp stad a chur air imrichean o bhith a' dol thairis air Caolas Shasainn ann an eathraichean beaga. Thèid còrr air £600m a chosg air an seo. Tha còrr air 6,000 imriche air an dùthaich sa a ruighinn bho thoiseach na bliadhna. Tha seo mun treas cuid nas lugha na an aon àm an-uiridh.
Cogadh Iran
Tha an Ceann-suidhe Trump ag ràdh nach eil ceann-ùine mu choinneamh an fhosaidh sa chogadh le Iran an dèidh dha na Stàitean an fhois-fhòirneart a leudachadh a-mach. Thuirt an Taigh Geal gun cumadh iad orra a' cur stad air soithichean aig puirt Iranianach a dh'aindeoin 's gun tuirt Tehran gur e sin aon de na prìomh chnapan-starra a bha a' cur bacadh air còmhraidhean sìthe a bharrachd. Tha soithichean bathair steigte ann an Caolas Hormuz agus thuirt trì bàtaichean an-dè gun deach ionnsaigh a thoirt orra.
Am Morair Mandelson
Bheir an tè as àirde dreuchd anns an t-Seirbheis Chatharra ann an Oifis a' Chaibineit fianais do bhuill-phàrlamaid madainn an-diugh mun phròiseas sgrùdaidh a bh' ann airson am Mòrair Mandelson a chur ann an dreuchd tosgaire Bhreatainn dha na Stàitean Aonaichte. Thuirt Cat Little ris a' Phrìomhaire an t-seachdain sa chaidh gun robh Oifis nan Dùthchannan Cèin air cead teàrainteachd a thoirt do Mhandelson a dh'aindeoin 's gun robh buidhnean sgrùdaidh air dragh a thogail mun sin.
Aiseagan
Tha daoine ann an Colla is Tiriodh fiadhaich mu shuidheachadh nam bàtaichean aiseag aca. Le na trioblaidean mòra a th' air a bhith aig ChalMac, chaidh an soitheach àbhaisteach aca, an Clansman a chur air slighe eile. Bhon uairisin, tha cuid de sheòlaidhean air a bhith air an cur dheth agus chan eil stuth riatanach air a bhith a' faighinn gu na h-eileanaich. Thuirt tè-labhairt Chal Mac gun do dh'fhuiling an t-seirbheis aca duilgheadasan nach fhacas a-riamh o chionn ghoirid. Thuirt i gu bheil seo a' cur bacadh orra bho bhith a' frithealadh choimhearsnachdan mar bu chòir agus gu bheil iad uabhasach duilich.
Aillse
Thathar a' clàradh còrr air 35,000 cùis aillse ann an Alba a h-uile bliadhna. Seo a rèir Buidheann Sgrùdaidh Aillse na Rìoghachd Aonaichte. Tha iad ag ràdh gu bheil mar a tha sluagh na dùthcha a' fàs nas sine a-nise a' ciallachadh gu bheil faisg air 100 cùis ùr anns an là air an clàradh. Tha an àireamh a tha a' bàsachadh le aillse ge-tà, air tuiteam 9% ann an Alba bho na 70an.