Spiorad na Mara: Iarrtas cead-dealbhachaidh 'son bun-structair air tìr

Sealladh bho gu h-àrd de mhòinteach ri taobh na mara. Tha loch anns an dealbh cuideachd.
  • Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh Northland Power air tagradh oifigeil a dhèanamh airson cead-dealbhachaidh airson bun-structair air tìr mar phàirt de thuath-gaoithe connspaideach a tha iad airson togail far chosta siar Eilean Leòdhais.

A-rèir na companaidh, bhiodh leasachadh Spiorad na Mara comasach air cumhachd a chumail ri 1.2 millean dachaigh gach bliadhna.

Dhèidheadh cruinn a thogail mu 3 gu 8 cilemeatair far chosta an iar Leòdhais.

Chaidh tagradh cead-dealbhachaidh airson sin a chur gu Riaghaltas na h-Alba anns a' Mhàirt.

A thaobh na h-obrach air tìr, tha fo-stèiseanan agus làrach far an tigeadh càballan air tìr eadar Barbhas agus Siadar mar phàirt den chead-dealbhachaidh.

Chaidh coimhead air grunn làraichean air an son mus deach fear a thaghadh a rèir nam pàipearan, taobh a-muigh a thèid air beulaibh Comhairle nan Eilean Siar.

Chaidh an làrach a thaghadh air sgàth 's gur e as fhaide air falbh bho thaighean, 's e glè bheag de mhòine a th' ann, chan eil tuiltean cho dualtach agus tha e furasta faighinn gu rathaidean a th' ann co-dhiù.

Chaidh beachdachadh cuideachd air an astar eadar an làrach agus Tursachan Chalanaish agus Taigh-tughaidh Àrnoil.

Tha na planaichean air connspaid mhòr adhbharachadh ann an Leòdhas.

Tha dragh mòr air cuid sa choimhearsnachd mun bhuaidh a tha iad ag ràdh a bheireadh an obair air an sgìre.

Tha Northland Power ag ràdh gu bheil iad air measaidhean teicnigeach is àrainneachdail a dhèanamh thairis air grunn bhliadhnaichean, a thuilleadh air co-chomhairleachadh fharsaing aig ìre na coimhearsnachd.