
'S e cùis-nàire a th' anns na trioblaidean ann an lìonra ChalMac a rèir BPA nan Eilean Siar.
Bha Alasdair Allan a' bruidhinn oidhche Mhàirt an dèidh dearbhaidh bhon chompanaidh aiseig gu bheil an soitheach as motha aca, an Loch Seaforth, fhathast briste a' fàgail Steòrnabhaigh as aonais seirbheis.
"'S e cùis-nàire mar as àbhaist gu bheil sinn san t-suidheachadh seo agus nach eil bàtaichean gu leòr aig CalMac.
"Chan eil bàtaichean gu leòr aig CalMac agus air sgàth sin tha sinn anns an staing seo," thuirt Mgr Allan.
Trioblaid theicnigeach
Thàinig e am follais gun robh rudeigin ceàrr leis an Loch Seaforth agus i air a slighe a dh'Ulapul feasgar Diluain.
Thuirt CalMac madainn Diciadain gun robh obair-càraidh a' leantainn ann an seòmar einnseinn an t-soithich.
Tha dùil ri dearbhadh bhuapa mu 2.00f. Diciadain am bi seirbheis 5.30f. a-mach à Ulapul.
Thabhainn Calmac leisgeul airson na buaidhe a tha seo air toirt air luchd-siubhail.
Draghan nan eileanach
Tha mar a chaidh seòlaidhean a bharrachd a chur air an t-slighe eadar Ùige agus an Tairbeart Dimàirt agus Diciadain a' fàgail Loch Baghasdail às aonais aiseig feasgar Diciadain.
Tha trì bàtaichean mòra a bharrachd aig CalMac fhathast gan càradh an dèidh mar a nochd trioblaidean nuair a bha iad a' faighinn na seirbheis bliadhnail aca.
Tha muinntir nan eilean air draghan a nochdadh mun bhuaidh a th' aig an troimh-chèile ann an lìonra ChalMac air gnìomhachasan mar thurasachd agus air am beatha làitheil.
Tha buidheann a tha a' riochdachadh euslainteach air a bheil aillse ag ràdh gu bheil an suideachadh a' cur uallaich a bharrachd orra leis nach fhaigh iad gu tìr-mòr airson an cùram a tha a dhìth orra.
"A' dèanamh mo dhìchill"
Leis gu bheil staing nan aiseagan air leantainn ùine mhòr a-nis chaidh Mgr Allan às àicheadh chasaidean nach eil esan a' dèanamh gu leòr airson draghan muinntir nan eilean a riochdachadh.
"Tha mise a' cur seachad a' chuid as motha den tìde agam a' gearain mu dheidhinn sheirbheisean aiseig.
"Chan eil bàtaichean ann agus, mar sin, 's e an aon rud a th' ann ri dhèanamh san eadar-ama 's a bhith a' putadh airson bàtaichean eile air charter.
"Chan eil mise a' ruith ChalMac, chan eil mise san riaghaltas. Ach tha mi ag obair agus a' dèanamh mo dhìchill mar bhall-pàrlamaid Albannach na sgìre na cuspairean seo a thogail agus a bhith a' gearain gu poblach dhan riaghaltas a h-uile turas gu bheil rudeigin mar seo a' tachairt."
Seirbheisean earbsach
Tha Ministear na Còmhdhail, Caomhainn Stiùbhairt BPA air gabhail ris gun tug an suidheachad fìor dhroch bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach: "Tha sinn ag aithneachadh gu bheil cruaidh fheum ann gum faigh iad seirbheisean aiseig a tha seasmhach agus san gabh earbsa cur," thuirt e.
"Tha Riaghaltas na h-Alba air còrr air £2b a chosg air seirbheisean aiseig bho 2007 agus tha sinn air planaichean fhoillseachadh airson mu £700m a chosg thairis air còig bliadhna airson bunstructar nan aiseagan a leasachadh.
"Bhon Chèitean 2021, tha sinn air bàta eile, an MV Loch Frisa a cheannach, an MV Arrow agus an MV Alfred fhaighinn air màl, agus cùmhnant a thoirt seachad airson dà aiseag ùr do dh'Ìle, agus airgead a chosg air cidheachan agus calaichean a leasachadh.
"Tha sinn ag iarraidh an aon rud agus a bu mhiann le eileanaich gum bi seirbheisean aiseig seasmhach ann agus tha sinn a' coimhead air adhart ri conaltradh riutha mu sheirbheisean san àm ri teachd agus mu shoithichean ùra."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Giblean 2023
