
Nochd trioblaidean ann an seòmair einnsein an Loch Seaforth Diluain agus tha i air a bhith na tàmh on uairisn
Dh'iarr comhairliche Leòdhasach gun dèan Comhairle nan Eilean Siar deasbad air am bu chòir dhaibh bhòt cion-earbsa a chumail an Còmhdhail Alba ri linn staing nan aiseagan.
Tha an Comh. Calum Mac'illEathain, a tha a' riochdachadh sgìre Loch a Tuath, ag iarraidh gun tèid coinneamh shònraichte den Chomhairle a ghairm a dheasbad ceist nan seirbheisan aiseig dha na h-eileanan an dèidh sreath thrioblaidean teicnigeach a dh'fhàg gum b' fheudar do mhòran de sheirbheisean a bhith air an cur dheth.
Tha iarrtas Mhgr. Mhic'illEathain a' tighinn an dèidh mar a chaidh Steòrnabhagh fhàgail gun seirbheis eadar am baile agus Ulapul nuair a bhris an Isle of Seaforth sìos aig àm trang saor-làithean na Càisge.
Ann an litir gu Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, an Comh. Ùisdean Robasdan, thuirt e gun robh e dhen bheachd gun do rinn oifigich Còmhdhail Alba agus CMAL, leis a bheil soithichean ChalMac, "dìmeas air na h-eileanan againn sna bliadhnaichean a dh'fhalbh agus tha a thìde againn an coireachadh."
Rinn e moladh air na rinn an Comh. Robasdan air cuspair nan aiseagan agus thuirt e: "Tha na duilgheadasan as ùire leis an Loch Seaforth air mòran sna coimhearsnachdan againn a shàrachadh buileach agus tha mi cinnteach gu bheil gu leòr de na comhairlichean eile air ceistean fhaighinn bho na daoine tha iad a' riochdachadh agus iad a' faighneachd, Dè tha sibh a' dèanamh mu dheidhinn nan ceistean seo?"
Ge-tà, rinn an Comh. Mac'illEathain soilleir na litir gu bheil earbsa aige ann an luchd-obrach ChalMac a tha ag obair sna h-oifisean sgìreil:"Feumaidh iad dèiligeadh ris an t-uabhas de ghearainnean bho luchd-siubhail a tha sàraichte mun dòigh sa bheil seirbheisean nan aiseagan gan ruith."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2023

- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2023
