
Tha Mgr Sarwar air thuras a Leòdhas airson là neo dhà còmhla ri tagraiche nan Eilean Siar airson Westminster, Torcuil Crichton
Thuirt Ceannard nan Làbarach an Alba, Anas Sarwar BPA, gum bu chòir barrachd conaltraidh a dhèanamh le muinntir nan eilean a thaobh mar bu chòir seirbheisean aiseig a bhith air an ruith agus an dòigh sa bheilear a' faighinn bhàtaichean ùra.
Fhuair Mgr Sarwar sealladh dha fhèin Dimàirt air trioblaid nan seirbhisean aiseig leis gun do chuir suidheachadh an Loch Seaforth màill air a thuras a Leòdhas.
Tha an soitheach as motha agus as ùire aig CalMac a tha a' seòladh air an t-slighe as trainge san lìonra aca air a bhith a-mach à seirbheis bho fheasgar Diluain air sgàth trioblaid teicnigich.
Tha dùil ri fios feasgar Diciadain mu mar a tha an obair-càraidh oirre a' dol agus an seòl seirbheis 5.30f. à Ulapul.
Conaltradh ceart
A' bruidhinn ann an Steòrnabhagh Dimàirt thuirt Mgr Sarwar gum feumar èisteachd ri beachdan nan eileanach.
"Tha daoine an seo air a bheil fearg a h-uile là air sgàth an t-suidheachaidh seo eadar an e iasgair a th' annta nach urrainn iasg a reic no companaidh nach fhaigh pàirt a tha a dhìth orra no cuideigin nach fhaigh air siubhal. Tha bàtaichean a' briseadh sìos, chan eil itealain a' falbh.
"Cha bu chòir gabhail ris an seo. Chan eil e math gu leòr agus cha dèan briathran an riaghaltais an gnothach.
"'S e a tha a dhìth ach maoineachadh agus co-obrachadh ceart," thuirt Mgr Sarwar.

Bha Mgr Sarwar ann an cuideachd tagraiche Làbarach nan Eilean Siar airson Pàrlamaid Westminster, Torcuil Crichton.
Thuirt Mgr Crichton gum bu chòir a bhith a' faighneachd dè a bu choireach ris an t-suidheachadh seo:" Cò nach do rinn na co-dhùnaidhean a dh'fhàg sinn gun aiseagan neo le aiseagan a tha cho aosta agus gu bheil iad a' briseadh sìos.
"'S e pàirt den trioblaid a tha sin nach robh daoine sam bith ann air bòrd ChalMac no CMAL no aig àrd ìre ann an Riaghaltas na h-Alba no a' togail an guth sa phàrlamaid ann an Dùn Èideann no ann an Westminster mu dheidhinn an t-suidheachaidh seo.
"Cha robh daoine a' riochdachadh nan eilean agus 's e sin a tha a dhìth oirnn."
Poileasaidhean aiseagan an riaghaltais
Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air a dhol às àicheadh chasaidean nach eil e air a bhith a' riochdachadh dhraghan an t-sluaigh.
Thuirt e gur e cùis-nàire a tha ann an suidheachadh nan aiseagan agus gur e gearain ris an riaghaltas mu dheidhinn as motha a bhios e a' dèanamh mar BhPA.
Tha Ministear na Còmhdhail, Caomhainn Stiùbhairt, air gabhail ris gu bheil cruaidh fheum ann gum faigh eileanaich seirbheisean aiseig a tha seasmhach agus san gabh earbsa cur.
Rinn e dìon ge-tà air ro-innleachd aiseagan an riaghaltais agus thuirt e gun do chosg iad £2b air seirbheisean aiseig bho 2007 agus gun tèid mu £700m a chosg thairis air còig bliadhna airson bunstructar nan aiseagan a leasachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2023
