Taic-airgid do phròiseactan eileanach

- Air fhoillseachadh
Tha deich pròiseactan air taic-airgid fhaighinn bho sgeama maoineachadh eileanach aig Riaghaltas na h-Alba.
Uile gu lèir, tha £3m de thaic ga sgaoileadh fo Phrògram nan Eilean, eadar Sealtainn agus Eilean Bhòid.
Am measg na fhuair taic bha pròiseact Ionad Eilean na h-Òige ann an Èirisgeigh.
Chaidh £651,000 a thoirt dhaibh is iad a' cruthachadh ghoireasan coimhearsnachd, leabharlann nam measg, ann an togalaichean na seann sgoile.
Tha £409,258 ga thoirt do Chala Stafainn airson seachd aonadan ùra gnothachais agus goireasan eile a thogail air tìr.
Chaidh cuideachd £350,000 a thoirt do sgeama airson rathaidean a leudachadh aig làraichean turasachd trang san Eilean Sgitheanach.
Bidh an obair sin aig Gleann Bhreatail a' dol a-mach gu Glumagan nan Sìtheachan, Rathad a' Chlaiginn agus Gob na h-Èist.

Bha BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, am measg na chuir fàilte air an naidheachd.
"Tha a h-uile duine san Eilean Sgitheanach mothachail air a' chuideam air rathaidean ionadail is àireamhan mòra de luchd-turais a' tadhal air làraichean ainmeil san eilean gach bliadhna.
"Tha mi gu math toilichte gun d' fhuair Comhairle na Gàidhealtachd am maoineachadh seo bho Riaghaltas na h-Alba agus nì e diofar mòr gu h-àraid do dhaoine a tha a' fuireach san sgìre," thuirt i.
Tha Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath a' faighinn £50,500 airson na ciad sgrùdaidhean air ionad chruthachail ùr, gus an urrainn dhan phròiseact gluasad chun na h-ath ìre nuair a thèid plana mionaideach a dhealbhachadh.
Bidh e comasach dhaibh an uairsin làn cùis gnothachais a chur air adhart airson maoineachadh fhaighinn bho Aonta Fàs nan Eilean.
Am measg eile chaidh cuideachd £204,895 a thoirt do dh'Ionad Amharc nan Eun ann am Fair Isle an Sealtainn, airson crìoch a chur air ath-thogail às dèidh mar a chaidh e na theine ann an 2019.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 Am Màrt 2024

- Air fhoillseachadh1 An Dàmhair 2024
