Smachd nas teinne mu àitichean-fuirich 'son ùine ghoirid ga iarraidh sa Phloc

Tha am Ploc air cladach Loch Aillse air leth tarraingeach do luchd-turais
- Air fhoillseachadh
Tha Urras Coimhearsnachd a' Phluic airson agus gum bi tuilleadh smachd air àitichean-fuirich a th' air an leigeil a-mach air màl airson ùine ghoirid san sgìre.
Tha a' bhuidheann a' sireadh inbhe mar "sgìre smachdachaidh" a bhiodh a' ciallachadh gum biodh feum air cead-dealbhachaidh airson àitichean-fuirich leithid thaighean-còmhnaidh, a leigeil a-mach as ùr, tro leithid Airbnb.
Ach thàinig rabhadh bho Chomhairliche airson Taobh Siar Rois agus Loch Aillse gum faodadh tuilleadh smachd air àitichean-fuirich a bhios ri fhaotainn airson ùine ghoirid cron a dhèanamh air turasachd san sgìre.

Tha dragh ann mu na tha de thaighean a tha falamh am meadhan a' Phluic
Thuirt Cathraiche Urras Coimhearsnachd a' Chaoil agus Loch Aillse, Magaidh Choineagan, gu bheil na tha de thaighean falamh am meadhan a' Phluic a' toirt buaidh air a' bhaile.
"Chan eil òigridh ann, chan eil daoine a tha ag obair ann.
"Tha a' chuid as motha de na daoine a tha a' fuireach sna taighean sin seachad air 70.
"Dh'fhaodadh tu ràdh mu thràth gu bheil an cridhe air tighinn a-mach às an àite."

Tha an t-Urras Coimhearsnachd ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd cumhachdan ùra a chur an sàs airson smachd a chumail air an àireimh de thaighean a tha gan cur a-mach air màl airson ùine ghoirid às ùr.
Fo na tha iad a' moladh bhiodh aig daoine ri cead-planaidh fhaighinn mus b' urrainn dhaibh seo a dhèanamh.
Ach nochd dragh gum faod atharrachadh sna riaghailtean a th' ann droch bhuaidh a thoirt air turasachd.
Thuirt an Comh. Biz Chaimbeul gu bheil cunnart ann nach biodh gu lèor àiteachan-fuirich ann do luchd-turais san sgìre.

Chaidh riaghailtean nas teinne a chur an sàs am Bàideanach agus Srath Spè a thaobh àitichean-fuirich air màl airson ùine ghoirid
Fhuair ceàrnaidh eile den Ghàidhealtachd, Bàideanach agus Srath Spè, inbhe shònraichte mar sgìre-smachdachaidh mar a tha muinntir a' Phluic ag iarraidh.
Tha am BPA, Ceit Fhoirbeis, a' riochdachadh na sgìre: "Feumaidh cothromachadh a bhith ann agus daoine airson nan gnìomhachasan.
"Ma tha a' choimhearsnachd airson rudeigin mar seo, tha mise a' cur mo thaic ris."
Tha Urras Coimhearsnachd a' Phluic air co-chomhairle a thòiseachadh gu h-ionadail airson dearbhadh an e seo a tha daoine ag iarraidh.