Bhòt mu FtMG sna Crìochan is pàrantan air a bhith "a' feitheamh ùine mhòr, mhòr"

Tha pàrantan anns na Crìochan a tha ag iarraidh foghlam Gàidhlig don cuid chloinne air a bhith a' strì airson "ùine mhòr, mhòr"
- Air fhoillseachadh
Tha pàrantan sna Crìochan a' fàgail air ùghdarras ionadail na sgìre nach eil iad a' leantainn a' phròiseis reachdail airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh mar bu chòir.
Mhol aithisg an-uiridh gum fosgladh ionad Gàidhlig ann an Tweeddale san Lùnastal am-bliadhna agus bha dùil aig pàrantan gun tòisicheadh an cuid chloinne a' faighinn foghlam sa Ghàidhlig.
Fhuair an luchd-iomairt briseadh-dùil san Ògmhios nuair a chaidh innse dhaibh nach bi foghlam Gàidhlig aig ìre bun-sgoile a' tòiseachadh am-bliadhna leis gun robh tuilleadh sgrùdaidh a dhìth.
Briseadh-dùil a thaobh FtMG sna Crìochan
- Air fhoillseachadh10 An t-Ògmhios
Foghlam Gàidhlig air fàire sna Crìochan?
- Air fhoillseachadh13 An t-Ògmhios 2025
Aig an àm, thuirt a' chomhairle nach e co-dhùnadh foirmeil a rinn iad agus gun robh iad a-riamh an dùil measadh a bharrachd a dhèanamh.
Tha Mòrag NicGilleDhuinn am measg na th' air a bhith an sàs san iomairt bhon fhìor thòiseach.
Mhìnich i: "Tha sinn air a bhith a' feitheamh airson ùine mhòr, mhòr agus air a bhith a' feitheamh ùine mhòr a-rithist.
"Shaoil mi gun robh co-dhùnadh air a bhith air a dhèanamh aig an àm sin ach cha robh a' chomhairle a' dèanamh càil, agus cha robh fios againn mar a chlàradh sinn airson na sgoile."

Bha dùil aig Mòrag NicIlleDhuinn gum biodh a mac a' tòiseachadh an sgoil ann an aonad Gàidhlig
Thòisich Comhairle Chrìochan na h-Alba làn-mheasadh an-uiridh an dèidh fianais fhaighinn gun robh gu leòr iarrtais ann airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san sgìre.
Tha pàrantan a' cumail a-mach gun robh còir aig an ùghdarras ionadail an dàrna measadh a dhèanamh taobh a-staigh seachd seachdainnean a rèir Achd an Fhoghlaim 2016.
Cluinnidh comhairlichean Diardaoin nach eil e deiseil agus fhathast mì-chinnt ann mu ghoireasan, ionmhas agus mar a ghabhadh FtMG a thoirt gu buil, am measg eile.
Ge-tà, tha iad an dòchas ri beagan adhartais an-diugh agus an aithisg, taobh a-muigh a bhios air beulaibh nan comhairlichean a' moladh gun tèid aonad Gàidhlig fhosgladh.
"Ceistean bunaiteach"
Tha na pàrantan air obair mhòr a dhèanamh gus comhairlichean a bhrosnachadh bhòtadh air a shon.
Tha Comann nam Pàrant Nàiseanta air a bhith a' cumail taic riutha.
Thuirt stiùiriche na buidhne, Magaidh Wentworth: "Mura bi seo a' dol air adhart sna Crìochan, tha e a' togail cheistean bunaiteach mun reachdas 's am pròiseas a th' againn an-dràsta - aig àm far a bheil sinn a' beachdachadh air pròiseas a neartachadh fo Achd 2025."
Ma shoirbhicheas leis a' mholadh, tha a' chomairle ag ràdh gun tèid aithisg eile le co-dhùnadh deireannach air beulaidh chomhairlichean sa Mhàrt an ath-bhliadhna.