Uisge-beatha à Slèite a rinn eachdraidh a' cumail taic ri Sabhal Mòr Ostaig

Chuir athair Alicia Hempleman-Adams fàilte oirre nuair a thàinig i gu tìr gu sàbhailte ann an Luxembourg
- Air fhoillseachadh
Chaidh botal mac na braiche a bh' anns a' chiad bhailiùn adhair theth a chaidh tarsainn a' Chuain Siar fo chumhachd hàidhdreaidein a reic aig rùp 'son £1,700.
'S e as motha a chaidh a phàigheadh fhathast airson botail uisge-bheatha bho Thaigh-staile Thòrabhaig an Slèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.
Thèid an t-airgead a thoirt do Shabhal Mòr Ostaig, a' cholaiste Ghàidhlig beagan mhìltean air falbh, le gealltannas bhon taigh-staile le tiodhlacaidhean a bharrachd.
Thug Gillian Rothach, Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, taing dhan taigh-staile agus "dhan a h-uile duine a bha an sàs san iomairt shònraichte seo".
"Tha e mìorbhaileach gu bheil botal le sgeulachd cho iongantach a' toirt taic don Ghàidhlig agus a cultar an seo ann an Slèite," thuirt i.
'S ann do theaghlach Sir David Hempleman-Adams, a tha aithnichte airson iomairtean dàna, a bhuineas Taigh-staile Thòrabhaig, agus bidh an gnìomhachas tric a' cumail taic ri dùbhlain de a leithid.
Bha a nighean, Alicia, air aon de na pìleatan air bòrd a' bhailiùn a rinn eachdraidh.

Air bòrd an Atlantic Explorer còmhla riutha bha a' chiad bhotal Founders Reserve a-mach à 100 a chaidh a tharraing.
San Ògmhios chaidh e eadar Maine is Luxembourg, a' chiad turas le criutha ann am bailiùn air a thogail le hàidhreaidean.
Chuir na trìuìr phìleatan, Alicia Hempleman-Adams, Bert Padelt agus Peter Cuneo, an ainm ris a' bhotal nuair a ràinig iad an ceann-ùidhe.
Thuirt Emma Sprackling, Manaidsear Brannd Thòrabhaig: "Chaidh am botal ud astar mòr airson taic a chumail rinn aig an taigh."
Bidh na botail eile de Founders Reserve gan reic bhon 9mh den t-Samhain, agus gheibh an luchd-ceannaich cairt-phuist den bhotal a rinn an turas eachdraidheil.
Tha an taigh-staile a' gealltainn gum faigh Sabhal Mòr Ostaig a h-uile sgillinn a thogas iad nuair a thèid an còrr den uisge-bheatha a reic.
Thuirt Gillian Rothach gun cuidicheadh an "taic fiadhlaidh" barrachd dhaoine "a' Ghàidhlig a chleachdadh nam beatha làitheil agus a cur air adhart anns na coimhearsnachdan aca".