Bile na Fiadh-bheatha aig Holyrood

Sealg na Circe-fraoicheTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gun gabh Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin ri reachdas a bheir air oighreachdan seilge ceadan fhaighinn airson a' chiad uair.

Tha Bile na Fiadh-bheatha is nam Falaisgean aig Riaghaltas na h-Alba a' dol tro Holyrood feasgar agus dragh ann mu na th’ ann de dh’eòin a tha gam marbhadh air na monaidhean, ach tha cuid a tha an sàs anns a' ghnìomhachas den bheachd gu bheil planaichean an Riaghaltais a' dol ro fhada.

Tha am Bile a' nochdadh mar phàirt de dh’Aonta Thaigh Bhòid eadar an SNP agus Uainich na h-Alba.

Tha e a' toirt atharrachaidhean air mar a thathas a' ruith mhonaidhean fraoich agus sealg na circe-fraoiche.

Le sin, dh’fheumadh oighreachdan ceadan fhaighinn airson losgadh air cearcan-fraoiche.

Bhiodh smachd a bharrachd ann cuideachd air far am faodar a bhith a' losgadh an fhraoich (falaisgean) a chùm buannachd na seilge seo.

Tha an Riaghaltas ag amas cuideachd air dìon a bharrachd a thoirt do dh’ainmhidhean leithid iolairean agus casg a chur air ribichean.

Ach, tha buidhnean a tha an sàs ann an oighreachdan seilge ag ràdh gun cuireadh iad ris na cunnartan a thig bho fhalasgean anns an uine fhada, agus gun cuireadh am bile às de choimhearsnachdan dùthchail.