Blàr mòr eile san amharc eadar fuamhairean Bhàideanach

Ruairidh MacAnndrais is Iain Robinson le Cupa MhicThàmhais
- Air fhoillseachadh
Thèid an dà sgioba as làidire san iomain an aghaidh a chèile airson a' chiad dhuais den t-seusan Disathairne is Ceann a' Ghiuthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh gus farpais airson Chupa MhicThàmhais.
Às dèidh an t-seusain a bh' ann an-uiridh nuair a bha ceithir sgiobaidhean a' cumail ceann a' mhaide ri chèile aig mullach na Prìomh Lìge, tha fuamhairean Bhàideanach air leum air thoiseach air càch am-bliadhna.
Tha Baile Ùr an t-Slèibh air 12 de na 13 geamaichean gu seo a bhuannachadh - is rinn iad a' chùis air buillean-peanais air Cabar Fèidh san aon gheama nach do bhuannaich iad.
Tha Ceann a' Ghiùthsaich - a thog Cupa MhicThàmhais an-uiridh - air 11 a-mach à 12 gheama a ghlèidheadh gu seo.
Agus cò rinn a' chùis orra 1-0 sa gheama a chaill iad ach Baile Ùr an t-Slèibh.
Bidh cuid a' meas sin cudromach air thoiseach air a' chuairt dheireannaich Disathairne.

Tha Iain Robinson air a bhith a' frasadh a-steach nan tadhal do Bhaile Ùr an t-Slèibh a-rithist am-bliadhna
Bu chòir cuimhneachadh gun deach Ceann a' Ghiùthsaich a-steach gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd aig a' Bhucht san t-Sultain is a' mhòr-chuid den bheachd gun dèanadh iad an gnothach air a' Bhaile Ùr.
An àite sin chaidh na nàbaidhean aca an sàs annta gu cruaidh - gan dùnadh sìos gu ìre mhòir - agus aig an aon àm gam fosgladh suas le luaths is sgil aig an aghaidh.
Ged a chrìochnaich e 3-2 cha do dh'innis sin buileach sgeulachd a' gheama is am Baile Ùr air a bhith 3-0 air thoiseach.
Bha e uile cus do Cheann a' Ghiùthsaich is thàinig linn Iain 'Corky' Borthwick mar mhanaidsear gu ceann aig deireadh an t-seusain, a dh'aindeoin na liosta gu math fada de dhuaisean a bhuannaich e.
'S e briseadh-dùil eile a bh' ann do Kings ge-tà sa gheama lìge sa Mhàrt am-bliadhna.
Às dèidh do Declan Brannan tadhal a chur bho astar 'son a' Bhaile Ùir glè thràth sa gheama, chaidh aca air Ceann a' Ghiùthsaich a chumail gun tadhal a chur idir gus na puingean a ghlèidheadh.

Tha Ruairidh MacAnndrais is an còrr de loidhne-aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich air làrach fhàgail air luchd-dìon air feadh na Gàidhealtachd anns na seachdainean mu dheireadh
Rud a tha a' coimhead buileach math nuair a chì thu an sgrios uabhasach a tha Kings air a dhèanamh bhon uairsin air loidhnichean-dìon bho Thaigh na Bruaich gu Cill Taraghlain.
17 an aghaidh Chaoil Bhòid, 8 is 7 sa chiad leth an aghaidh Lòbhat is Camanachd an Òbain.
Nam b' urrainn do Bhaile Ùr an t-Slèibh an gnothach a dhèanamh air Ceann a' Ghiùthaich airson an treas turas ann an sreath Disathairne, 's e teachdaireachd làidir a bhiodh ann: gur ann leothasan a-nise a bhiodh cumhachd ann am Bàideanach agus ann an saoghal na h-iomain nas fharsaingeachd.
A' bruidhinn ri BBC Spòrs air thoiseach air a' gheama mhòr, bha sgiobair a' Bhaile Ùir an ìre mhath faiceallach.
"Bha e uabhasach math (a' chùis a dhèanamh sa gheama lìge) is thug e dhuinn tòrr mhisneachd, ach tha fios againn gur e sgioba uabhasach math a th' ann an Ceann a' Ghiùthsaich is bidh iadsan airson dìoghaltas fhaighinn," thuirt Iain Robinson.
"Feumaidh sinn a bhith suas airson a' gheama agus feumaidh sinn a bhith math airson seo a bhuannachadh."

Thuirt sgiobair Chinn a' Ghiùthsaich gu bheil Raghnall Ros air beachdan ùra a thoirt a-steach bho chaidh e an àite Iain 'Corky' Borthwick is gu bheil an sgioba ann an sunnd.
A dh'aindeoin 's gu bheil iad air 40 tadhal a chur anns na còig geamaichean mu dheireadh aca, thog Ruairidh MacAnndrais air geamaichean nuair a bha cùisean faisg 's e ag ràdh gu bheil esan den bheachd gum feum iad fhathast cuid de rudan a leasachadh.
Is tha dùil aige gum bi cùisean teann Disathairne.
"Bha fìor ghlè bheag eadar na sgiobaidhean sa gheama lìge is bha an dà loidhne-dìon air leth - cha robh mòran chothroman idir ann.
"Bidh sinn ri chèile airson barrachd chothroman a chruthachadh agus a ghabhail Disathairne."
Tòisichidh an geama aig Pàirc a' Bhucht aig 4:10f agus bidh e beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 3:30f.
Chìthear an geama cuideachd air BBC ALBA bho 4f.
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2025

- Air fhoillseachadh16 An t-Ògmhios 2025

