Naidheachdan 11:00m

Neets

Bha an àireamh de dhaoine òga nach robh ag obair, ann am foghlam air neo a' faighinn treànaidh aig còrr air millean anns na trì mìosan chun a' Mhàirt, a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Tha seo a' tighinn agus aithisg a dh'iarr Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air rabhadh a thoirt seachad gum faodadh 1.25 muillean de dhaoine òga a bhith san t-suidheachadh sin taobh a-staigh còig bliadhna. Thuirt an dà chuid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' gabhail cheumannan feuch dèiligeadh ris a' chùis.

Lebanon

Tha Israel air an tuilleadh ionnsaighean a thoirt air an Lebanon, a dh'aindeoin an fhosaidh eadar an dà dhùthaich. Thuirt oifigich slàinte san Lebanon gun deach 11 duine a mharbhadh - dithis chloinne nam measg. Thuirt Israel gun robh iad ag amas air bun-structar Hezbollah.

Iran

Tha Iran ag ràdh gun tug iad ionnsaigh air làrach arm Aimeireaganach san Ear-Mheadhanach mar fhreagairt air ionnsaigh nan Stàitean Aonaichte air ceann a deas Iran a-raoir. Thuirt arm nan Stàitean Aonaichte gun robh iad air ceithir drònaichean Iranianach a thoirt a-nuas thar Caolas Hormuz agus gun robh iad air amas air targaidean ann am Bandar Abbas.

Murt

Chaidh binn beatha sa phrìosan a chur air boireannach à Grianaig a mhuirt a nighinn a bha naoi làithean deug a dh'aois. Bha Thea Wilson air dà asna a bhristeadh agus a claigeann a bhristeadh ann an trì àitichean san ionnsaigh a thug Nicola Blain oirre san Iuchar 2023. Bha Blain air cumail a-mach gun deach Thea a ghoirteachadh le òganach eile sa flat. Bidh aice ri co-dhiù naoi bliadhna deug a chur seachad sa phrìosan.

Maoin aiseig

Tha cathraiche comataidh na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil e riatanach gun tèid maoin ùr luach £10m airson ghnothachasan eileanach a th' air fulang tàilleabh staing nan aiseagan a thoirt seachad cho luath 's a ghabhas. Bha an SNP air an leithid a ghealltainn mar phàirt den iomairt aca airson an Taghaidh Albannaich. Thuirt Ùisdean Robasdan nach tèid £10m fada gu leòr ach gun dèan e feum mar a rinn an sgeama a bh' ann roimhe.

Prìsean bìdh

Tha ceannardan àiteachais air rabhadh a thoirt seachad gum bi ceannach aig Riaghaltas na h-Alba air ma leanas iad orra lem planaichean gus cuibhreachadh a chur air prìsean bìdh. Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach ann an Alba ag ràdh gun toir e droch bhuaidh ma dh'fhaoidhte air teàrainteachd bìdh san ùine fhada agus air an eaconomaidh dhùthchail. Tha ministearan an riaghaltais ag ràdh ge-tà, gu bheil iad ann an conaltradh gu cunbhalach leis a' ghnìomhachas.